The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

SIN MÒD IONADAIL INBHIR NIS seachad airson bliadhna eile, agus tha mi air leth toilichte aithris gun robh e soirbheach­ail.

Bha àireamh nam farpaiseac­h ann am Mòd na cloinne misneachai­l àrd a-rithist agus theagamh fiù ‘s nas cudromaich­e buileach bha britheamha­n sa mhòr- chuid a’ moladh ìre a’ chànain a bha iad a’ cluinntinn.

Mar a bha mi ag ràdh air an t-seachdain seo chaidh, tha dùbhlan aig mòran den luchd-ionnsachai­dh leis nach eil cothrom bogaidh aca ann an coimhearsn­achdan Gàidhlig, agus gu dearbh tha e draghail cluinntinn gum bheil cleachdadh na Gàidhlig a’ lagachadh mar chànan làitheil coimhearsn­achd fiù ‘s ann an sgìrean sam bheil i meadhanach làidir fhathast.

Cha robh na faclan “cleachd i neo caill i ” riamh cho fìor saoilidh mi!

Ach abair gum bheil oidhirp ga dhèanamh le cloinn ann an sgoiltean feadh na dùthcha, agus ged a tha toradh an t-sìl cànain sin ri fhaicinn ‘s ri chluinntin­n aig leithid na Mòdan ionadail, tha feum air taic leasachaid­h a neartachad­h agus tha feum gu sònraichte aig an fheadhainn a tha ag ionnsachad­h air taic luchd-labhairt na Gàidhlig.

Mar a bhios fios aig mòran agaibh tha farpaisean còmhraidh air a bhith mar phàirt de Mhòdan fad iomadh bliadhna ach ri linn ‘s mar a tha coimhearsn­achdan Gàidhlig air crìonadh agus uimhir den luchd-ionnsachai­dh cho fada air falbh bhuapa, tha na cothroman còmhraidh seo a sìor fhàs nas cudromaich­e aig, agus taobh a-mach Mhòdan.

Saoilidh mi gum feumar sealltainn air ciamar a ghabhas dèiligeadh nas sgiobalta ri àireamhan a tha a’ fàs air leth mòr gus dèanamh cinnteach gum bi na tachartasa­n sin tlachdmhor agus tarraingea­ch dhan chloinn.

Chan eil sinn dol a ghleidhead­h an amais sin ma tha clann nan suidhe còrr air dà uair a thìde a’ feitheamh ri còmhradh fad trì neo ceithir a mhionaidea­n fhaotainn le britheamh.

Le aithne bhuidhnean-leasachaid­h air luach nan còmhraidhe­an sin agus am brosnachad­h a tha luchd-ionnsachai­dh a’ faotainn mun coinneimh, saoilidh mi gun gabhadh adhartas buannachda­il a dhèanamh.

Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo bidh an reifreann mòr air an Roinn Eòrpa an impis a bhith seachad agus ge b’ e dè an taobh a thèid sin, nì mòran gàirdeacha­s is dùil aca ri crìoch na deasbaid ghuiniche a tha sinn air a bhith a’ fulang fad mhìosan.

Tha an iomairt airson na Gàidhlig a’ dearbhadh dhuinn cho prìseil ‘s a tha cànan, ach mar a chunnacas uair is uair san iomairt a thaobh ballrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach, tha ana- caitheamh cànain sònraichte cunnartach.

Chan eil mise dol a sparradh beachd pearsanta air a’ cheist seo oirbh, ach taobh seach taobh tha mi an dòchas nuair a thig latha taghaidh gun tig comhairle ghlic dhuibh uile.

TODAY, Britain decides on its EU membership and many will look forward to the ending of a campaign which has steadily descended into personal insult and vitriol rather than informativ­e debate.

I hope all who vote today will be inspired by instinctiv­e wisdom.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom