The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

THA DAOINE COMA DHIOT, chan eil thu gu luach sam bith dhan chomann-shòisealta.

Nach brùideil agus mì-chneasta leithid sin de theachdair­eachd ga sparradh air pàistean òga, agus cha bheag an t-iongnadh ged a bheireadh sin agus ionnsaighe­an borba agus drabasta eile, buaidh mhaireann orra. Tha e doirbh dha daoine àbhaisteac­h tuigsinn ciamar is urrainn dha cuid a bhith cho an-iochdmhor, agus gu h-àraid ri clann. Ciamar a tha na daoine sin beò len cogaisean fhèin?

Agus ged a tha dearbhadh ann gun robh leithid de neo-thruacanta­chd a’ gabhail àite fad is farsaing ann an ionadan cùram chloinne thairis air iomadh bliadhna, bha mòran dheth cuideachd a’ tachairt fo smachd shagartan agus mhnathan- cràbhaidh ann an ionadan aig an robh ìomhaigh onarach creideimh mar leithid Taigh Nàsaret. Tha fichead bliadhna bho nochd fios mun eucoir a dh’fhuiling clann a bha “fo chùram” an ionaid seo agus ‘s e masladh gun seadh a th’ ann gum bheil iad sin, nan inbhich an- diugh, fhathast a’ feitheamh ri èisteachd phoblach agus tomhais air choreigin de cheartas.

B’ e adhartas a bh’ ann nuair a dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba, ann an 2014, gun robh Rannsachad­h Drabastach­d Chloinne na h-Alba ga stèidheach­adh, ach chan annas e gum bheil mòran den fheadhainn a tha a’ giùlan lotan piantach na thachair dhaibh a’ sìor chall misneachd is a-nise dithis den triùir a bha os cionn an rannsachai­dh air an dreuchdan fhàgail.

Ged a tha Ministeara­n Riaghaltas na h-Alba a’ dol às àicheadh chasaidean gum bheil iad a’ gabhail cus gnothaich ri obair an Rannsachai­dh, tha e air nochdadh a rèir aithris gun robh eas-aonta eadar cathraiche an rannsachai­dh agus an riaghaltas a thaobh cosgais togail fianais dhan rannsachad­h. Tha e coltach gun robh Iain Swinney den bheachd gun cosgadh e mu cheud not san uair àrd-luchd-lagha fhastadh gus fianais a thogail is gum biodh seirbheisi­ch chatharra na bu shaoire.

Bidh e coltach gun robh an dithis a leig dhiubh an dreuchdan air an rannsachad­h den bheachd nan leanadh leithid seo de bhuntainn bho Mhinistear­an gum faodadh neo-eisimeilea­chd cho- dhùnaidhea­n an Rann- sachaidh a bhith air an lagachadh. Ged a tha gun teagamh dleastanas air Ministeara­n smachd mhionaidea­ch a chumail air ionmhas poblach agus an luach as fheàrr fhaotainn às, saoilidh mi gum bheil amannan ann far am bheil amas agus buil obair àraid dol a chiallacha­dh nach i a’ phrìs as lugha as fheàrr a lìbhrigeas toradh.

Theagamh gur e seo leithid sin de shuidheach­adh agus gum bheil e iomchaidh cosgais beagan a bharrachd a thasgadh san obair mar dhearbhadh air beachd na dùthcha gum bheil luach ga chur air na h-uile sin a dh’fhuiling cho mòr. THE SCOTTISH Government must ensure the independen­ce of the Scottish Child Abuse Inquiry, and new members should be appointed quickly to retain momentum.

Too many people continue to suffer from cruel abuse experience­d in childhood, and a civilised country owes them a hearing and justice. It is time to demonstrat­e that they are valued and respected.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom