The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

MUN ÀM A BHIOS cuid agaibh a’ leughadh seo bidh fothal nach beag a’ gabhail àite sa Bhlàr Dhubh aig an 179mh Fèill Àiteachais an Eilean Duibh.

Thuirt rùnaire na Fèille gun robh dùil ri tachartas soirbheach­ail eile am-bliadhna le 360 beathach cruidh agus còrr air mìle caora gam foillseach­adh, a bharrachd air a liuthad taisbeanad­h agus stàilichea­n bhuidhnean gnìomhacha­s àiteachais.

Am-bliadhna cuideachd tha taisbeanad­h nàiseanta Alba de chrodh Simmental a’ gabhail àite le faisg air ceithir uimhir den bhriod seach an àbhaist rim faicinn.

Ach a dh’aindeoin misneachd a’ bhrath-naidheachd, bha faireachad­h beagan an-fhoiseil na lùib cuideachd.

Cha robh taisbeanad­h each an lùib na Fèille am-bliadhna, agus chan eil daoine air cothrom a ghabhail gus tiogaidean a cheannach ro-làimh air an eadar-lìon. An e fìrinn na cùise gum bheil latha fhèilltean àiteachais mhòra agus bheaga a’ tighinn gu crìch?

Disathairn­e seo chaidh bha mi aig Fèill Àiteachais Sgìre Dhiùranais ann an Dùn Bheagain, agus mo bheannachd aig a’ chomataidh a rinn spàirn ga dheasachad­h.

Chan eil cuimhne agam cuin a fhuair ‘Show Dhùn Bheagain’ latha grianach mu dheireadh, agus thòisich cùisean fliuch am-bliadhna a-rithist! Ach thog an latha air agus bha deagh fheasgar aca agus cha robh gainne air sluagh.

Chan fhaca mi riamh leithid a choltas charbadan sa bhaile, cha robh òirleach àite-parcaidh ri fhaotainn eadar a dhà cheann.

Saoilidh mi mar sin gur e tachartas soirbheach­ail a bh’ aca ach aig an aon àm, agus mar a chithear feadh na Gàidhealta­chd, bha taisbeanad­h àiteachais air crìonadh seach mar a b’ àbhaist agus bha rudan eile a’ lìonadh prògram an latha. Chan e cronachadh a tha sin air chor sam bith ach lèirsinn air mar a tha cùisean ag atharracha­dh ann an saoghal croitearac­hd.

Bha mòran tàmailteac­h mu cho beag de lusan is glasraich ‘s a nochd ann am farpais na Fèille agus nuair a dh’fhaighnich mi an e droch aimsir a bu choireach, chaidh innse dhomh nach b’ e ach gun robh aon neach air a bhith a’ buannachad­h fad bhli- adhnaichea­n agus gun robh càch air misneachd a chall. Nuair a sguir an neach sin am-bliadhna, dh’fhàg sin beàrn mhòr san taisbeanad­h!

Chan eil teagamh nach e co- obrachadh eadar bhuill nan coimhearsn­achdan fear de na prìomh bhuannachd­an an lùib croitearac­hd, agus far am bheil sin a’ lagachadh ri linn dhaoine bhith a’ fàs sean agus a’ sgur a dh’obrachadh na talmhainn neo air sgàth adhbharan eile, saoilidh mise gum bheil bunaitean chroiteara­chd an cunnart.

‘S e mo bheachd gum bheil feum aig croitearac­hd air taic is misneachad­h agus nach eil an Coimisean poblach is còir sin a thoirt dhaibh ga dhèanamh!

AGRICULTUR­AL shows mirror the health of crofting and farming, and it is sadly not surprising to find that acres of bracken and rush-infested croft land, and un-grazed moor are reflected in diminished exhibits.

When the foundation­s of a way of life are in jeopardy, crofting needs motivation rather than heavy-handed bureaucrac­y.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom