Beachd Ailein
CUIRIDH MI GEALL gum bheil cuid agaibhse a cheart cho ciontach rium fhìn air a bhith a’ gleidheadh rudan de gach seòrsa airson caochladh adhbharan, agus gu dearbh aig amannan gun fhios carson.
Gabhaidh cuid de thasgaidhean tuigsinn gun teagamh, leithid an t-seann acfhainn obair-àiteachais is tractaran air an tug mi iomradh air an t-seachdain seo chaidh, agus tha mòran dhaoine air cruinneachaidhean iongantach a dhèanamh thar bhliadhnaichean agus tha leithid sin air leth inntinneach agus fiosrachail.
Chithear cuideachd air iomadh prògram telebhisean mar a tha ùidh ann an stuth àrsaidh a’ sìor fhàs agus mar a tha luach ga chur air an t-seòrsa rudan a chunnaic mòran againn gan tilgeil chun na sitig.
Bha sin a’ tighinn nam inntinn nuair a leugh mi gun bheil na miotagan bogsadh leis an do bhuannaich Muhammad Ali farpais bogsadh àrd-thruimead an t-saoghail thairis air Joe Bugner ann an 1975 gu bhith air an reic aig rup ann an Lunnainn Diluain seo tighinn. Bidh mòran de luchd-leantainn bogsadh a mhiannaicheadh leithid de chuimhneachan air an t-sabaid mhòr a bh’ anns an Merdeka Stadium, Kuala Lumpur ann am Malaysia air a’ chiad latha de Iuchar 1975.
Rinn Ali a’ chùis air Bugner ann an sabaid dusan cuairt còrr air dà bhliadhna roimhe ann an Las Vegas, agus ged a bhuannaich e leis na comharran a b’ àirde thar nan còig cuairt deug san dàrna farpais seo eatarra, bha cuid de luchd nam meadhanan a’ fàgail air Ali gun robh e car gealtach agus a’ seachnadh sabaid gu cruaidh le Bugner. Chan eil teagamh nach e pàirt cudromach de dh’eachdraidh an spòrs a tha anns na miotagan agus le làmh-sgrìobhaidh an dithis chleasaichean orra tha dùil aig Sotheby’s gum faodadh gun ruig iad seasgad mìle not aig an rup! A rèir coltais chaidh a’ bhriogais ghoirid a bh’ air Ali san t-sabaid le Eanraig Cooper ann an 1963 a reic airson seachdad mìle not aig an rup mu dheireadh a bh’ aca.
Thug seo uile orm smaoineachadh air an t-seòrsa rudan a bhios mòran againn a’ gleidheadh mar chuimh- neachain air feadhainn a th’ air falbh agus nuair a bheir mi fhìn sùil mun cuairt na garaids chì mi mar eisimpleir cuid de na h-innealan saoirsneachd a bh’ aig m’ athair, agus taobh a-staigh an taighe tha soithichean is dealbhan is iomadh faoin-sheud chudromach eile.
Tha e math gum bheil leithid sin de dh’ìomhaighean phractaigeach, agus de dh’iarratas, againn air cuimhne a chumail ach aig deireadh cùise saoilidh mi fhìn gur e rùn Abou Ben
Adhem a b’ fheàrr uile. Sin cuimhne mar neach aig an robh meas air a chochreutair! THINKING of collectors possibly bidding more than £60,000 for a pair of Muhammed Ali’s boxing gloves next Monday led me to think of the many ways we all remember people. James Hunt’s poem Abou Ben Adhem always appealed to me, and Ben Adhem’s wish to be remembered as ‘one who loves his fellow man’.