The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul

CUIRIDH MI GEALL gum bheil cuid agaibhse a cheart cho ciontach rium fhìn air a bhith a’ gleidheadh rudan de gach seòrsa airson caochladh adhbharan, agus gu dearbh aig amannan gun fhios carson.

Gabhaidh cuid de thasgaidhe­an tuigsinn gun teagamh, leithid an t-seann acfhainn obair-àiteachais is tractaran air an tug mi iomradh air an t-seachdain seo chaidh, agus tha mòran dhaoine air cruinneach­aidhean iongantach a dhèanamh thar bhliadhnai­chean agus tha leithid sin air leth inntinneac­h agus fiosrachai­l.

Chithear cuideachd air iomadh prògram telebhisea­n mar a tha ùidh ann an stuth àrsaidh a’ sìor fhàs agus mar a tha luach ga chur air an t-seòrsa rudan a chunnaic mòran againn gan tilgeil chun na sitig.

Bha sin a’ tighinn nam inntinn nuair a leugh mi gun bheil na miotagan bogsadh leis an do bhuannaich Muhammad Ali farpais bogsadh àrd-thruimead an t-saoghail thairis air Joe Bugner ann an 1975 gu bhith air an reic aig rup ann an Lunnainn Diluain seo tighinn. Bidh mòran de luchd-leantainn bogsadh a mhiannaich­eadh leithid de chuimhneac­han air an t-sabaid mhòr a bh’ anns an Merdeka Stadium, Kuala Lumpur ann am Malaysia air a’ chiad latha de Iuchar 1975.

Rinn Ali a’ chùis air Bugner ann an sabaid dusan cuairt còrr air dà bhliadhna roimhe ann an Las Vegas, agus ged a bhuannaich e leis na comharran a b’ àirde thar nan còig cuairt deug san dàrna farpais seo eatarra, bha cuid de luchd nam meadhanan a’ fàgail air Ali gun robh e car gealtach agus a’ seachnadh sabaid gu cruaidh le Bugner. Chan eil teagamh nach e pàirt cudromach de dh’eachdraidh an spòrs a tha anns na miotagan agus le làmh-sgrìobhaid­h an dithis chleasaich­ean orra tha dùil aig Sotheby’s gum faodadh gun ruig iad seasgad mìle not aig an rup! A rèir coltais chaidh a’ bhriogais ghoirid a bh’ air Ali san t-sabaid le Eanraig Cooper ann an 1963 a reic airson seachdad mìle not aig an rup mu dheireadh a bh’ aca.

Thug seo uile orm smaoineach­adh air an t-seòrsa rudan a bhios mòran againn a’ gleidheadh mar chuimh- neachain air feadhainn a th’ air falbh agus nuair a bheir mi fhìn sùil mun cuairt na garaids chì mi mar eisimpleir cuid de na h-innealan saoirsneac­hd a bh’ aig m’ athair, agus taobh a-staigh an taighe tha soithichea­n is dealbhan is iomadh faoin-sheud chudromach eile.

Tha e math gum bheil leithid sin de dh’ìomhaighea­n phractaige­ach, agus de dh’iarratas, againn air cuimhne a chumail ach aig deireadh cùise saoilidh mi fhìn gur e rùn Abou Ben

Adhem a b’ fheàrr uile. Sin cuimhne mar neach aig an robh meas air a chochreuta­ir! THINKING of collectors possibly bidding more than £60,000 for a pair of Muhammed Ali’s boxing gloves next Monday led me to think of the many ways we all remember people. James Hunt’s poem Abou Ben Adhem always appealed to me, and Ben Adhem’s wish to be remembered as ‘one who loves his fellow man’. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom