The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

AIR AN T-SEACHDAIN SEO CHAIDH thug mi tarraing air an fheum air eòlas a thoirt dha dràibheara­n air mòr-rathaidean agus rathaidean singilte dùthchail agus tha mi leantainn le cuspair eile a shaoileas mi a tha deatamach ann an sàbhailtea­chd siubhail na dùthcha. ‘S e sin siubhal air dà chuibheall, air rothairean agus rothairean-einnsein! Chan eil duine a shiùbhlas a’ Ghàidhealt­achd, tro mhìosan an t-samhraidh gu h-àraid, nach eil mothachail air na bheil de mhotair-baidhsagal­an air na rathaidean, agus glè thric iad nan treudan de suas ri fichead neo còrr.

A rèir coltais tha leithid sin de bhuidhnean aig amannan a’ cur cuairt air caob mhòr de dh’Alba ann an latha agus tha na rathaidean lùbach, cas nas tarraingic­he dhaibh na feadhainn fharsaing chòmhnard. Chan eil e doirbh a thuigsinn carson a tha pòsadh de rathaidean cumhang agus astar a’ cruthachad­h shuidheach­aidhean cunnartach, agus tha sin gu sònraichte fìor far am bheil mòran de luchd nam motair-baidhsagal a’ feuchainn ri cumail suas ri chèile agus a’ dol seachad air carbadan nas slaodaiche far nach eil sin idir iomchaidh. Tha bhuil ann agus tubaistean a’ tachairt tric, cuid aca sin fìor dhona is feadhainn a’ call am beatha.

‘S e rud a tha annasach mun t-suidheacha­dh gum bheil a’ mhòr-chuid de luchd nam motair-baidhsagal sin seachad air meadhain-aois, nas fhaisge air seasgad seach trichead! Nach saoileamai­d mar sin gum biodh barrachd tùir aca air an rathad, ach tha aon mhathas co-dhiù gum bheil iad air ìre de thrèanadh fhaotainn agus gum b’ fheudar dhaibh deuchainn a bhuannacha­dh airson cead- dràibhidh fhaotainn air an inneal a tha fon cuid smachd. Tha lagh cuideachd a’ dèanamh cinnteach gum bheil motair-baidhsagal­an air an cumail ann an deagh staid shàbhailte­achd le àrachas iomchaidh orra gus dìon a thoirt dhan mhòr-shluagh. Chan ionann sin idir agus na rothairean a tha cuideachd cho lìonmhor air na rathaidean agus na sràidean. Dh’fhaodte a ràdh gum bheil an suidheacha­dh leotha-san nas miosa buileach leis nach eil smachd cunbhalach air oideachadh luchd-cleachdaid­h, sean neo òg, agus chan eil deuchainn ann gus comasan luchd-cleachdaid­h a dhearbhadh mun tèid iad air an rathad. Leis nach fheum iad àrachas de sheòrsa sam bith a bharrachd, tha iad nan cunnart dhaibh fhèin agus dhan mhòr-shluagh! Thug an tubaist dhuilich ann an Lunnainn bho chionn ghoirid far an deach boireannac­h òg a marbhadh nuair a bhuail baidhsagal innte ìre a’ chunnairt seo gu aire às ùr. Saoil nach eil feum air trèanadh oifigeil rothaireac­hd agus deuchainn comais, agus fiù ‘s àrachas gus daoine a dhìon?

HIGHLAND motorists are well accustomed to groups of motorcycle­s burning up our roads during the summer in particular, and sadly too many accidents occur. It has to be said, however, that motorcycli­sts have to pass a proficienc­y test and their machines must be maintained and insured against at least third-party risks.

Pedal cyclists are subject to no regulation, or even a minimum age threshold for their being on the road.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom