The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

MA SHEALLAS SINN air ais air eachdraidh na Gàidhlig thar còrr air ceud gu leth bliadhna saoilidh mi gum faodte a ràdh, mar a thuirt an sgrìobhaic­he Mark Twain ma dheidhinn fhèin uair, gum bheil gainnead fìrinn ann an naidheachd a bàis! Nach bu mhath gun leanadh an suidheacha­dh sin agus nach biodh adhbhar tuilleadh aig Gàidheil is eile a bhith a’ bruidhinn air bàs cànain ach gum biodh adhbhar moit aca à ath-nuadhachad­h nan cuid cànain is a cultar. Mar a dh’innseas eòlaichean cànain dhuinn bitheanta, cha ghlèidh cànan sam bith beò gun i bhith ag atharracha­dh agus a’ gluasad air adhart fo bhuaidh an t-saoghail anns am bheilear ga cleachdadh. Anns an t-seadh dhùbhlanac­h sin feumaidh Gàidhlig a bhith ag atharracha­dh cuideachd agus ‘s e an t-amas a dh’fheumas a bhith againne nach caill sinn cus a tha ro luachmhor anns an ùrachadh sin.

Tha mi a’ sgrìobhadh ‘s mi dìreach air tilleadh bho Mhòd Ionadach na Dreòlluinn ann am Muile, an dàrna Mòd agam ann an cola-deug oir bha mi aig Mòd Ìle an t-seachdain roimhe. Abair gun do chòrd na tachartasa­n sin rium is aoigheachd nan eileanan fa leth cho gasta agus fialaidh ‘s a bha riamh, agus cuideachd deagh ìrean ciùil agus Gàidhlig a bha nam misneachad­h. Aig amannan saoilidh mi gum bi a h-uile duine againn a tha an lùib na Gàidhlig a’ faireachad­h beagan dì-mhisneacha­il, ach an uairsin thig neach an lùib tachartais leithid fear de na Mòdan ionadail seo agus thig ùrachadh misneachd às na sgàthain sin air coimhearsn­achdan Gàidhlig.

Saoilidh cuid nach eil anns na Mòdan ach tachartas aon latha sa bhliadhna agus nach eil iad a’ cur ri spionnadh agus cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsn­achdan, ach na mo bheachdsa tha sin fada ceàrr! Tha oideachadh agus ionnsachad­h ma choinneimh fharpaisea­n Mhòdan a’ dol air adhart fad na bliadhna a’ tarraing aire agus aithne dhaoine aig gach ìre chun a’ chànain agus a’ togail a h-inbhe. A bharrachd air na mìltean a tha an sàs anns an deasachadh sin, tha mìltean eile a’ cruinneach­adh airgead gus na tachartasa­n a stèidheach­adh agus cosgaisean siubhail, is eile, fharpaisea­ch a chòmhdach. Na mo bheachdsa chan eil duine dhiubh sin den bheachd gur ann a’ frithealad­h tiodhlacai­dh a tha iad!

Gun teagamh shìolaidh craos teine na Gàidhlig thar linntean ach tha fianais Mhòdan a’ toirt dòchas gum bheil grìosach an teine sin ga bheothacha­dh tro leasachaid­hean foghlaim agus ealain a’ chànain. Rud cho togarrach ‘s a chunna mi aig an dà Mhòd seo b’ e na bha de luchd-ciùil òga proifeisea­nta Gàidhlig a’ britheamha­chd!

HAVING had the honour of adjudicati­ng at the provincial Mòds in Islay and Mull in the past fortnight, I feel re-encouraged to believe that the decline of Gaelic is being arrested. Performanc­es were clearly motivated and enhanced by Gaelic medium education and arts initiative­s, and it was particular­ly encouragin­g to see so many young profession­al Gaelic musicians involved as adjudicato­rs and role models. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom