The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

AIR TAOBH EILE Loch Dhùn Bheagain, ma choinneimh bhaile Chaileaboi­st agus an cois tuath a’ Chlaiginn, tha tràigh bhreagha gheal a tha na h-annas anns an Eilean Sgitheanac­h.

Ged a tha an Claigeann mu thrì mìle tuath air Dùn Bheagain, chan eil rathad lùbach, cumhang; dìth aitean-parcaidh- chàraichea­n; neo còrr air mìle de choiseachd chun na tràghad a’ bacadh mhìltean de luchdturai­s bho Thràigh a’ Chorail mar a theirear rithe anns a’ Bheurla. Ach air an t-seachdain seo chaidh, ‘s mi thall an Caileabost ‘s gann a b’urrainn dhomh an sealladh a chreidsinn is cladach a’ Chlaiginn a’ dèarrsadh le solais a’ lasadh na slighe eadar an rathad agus an tràigh.

Mun àm a nochd na solais ann am beul na h-oidhche, bha mi air tuigsinn gun robh film ga chlàradh nar nàbachd. Mu mheadhan feasgair air latha glas foghair le sgal gaoithe bhon ear dheas ghlac fuaim heileacopt­air m’aire agus chithinn i a’ sgèith os cionn Dhùn Bheagain. ‘S dòcha mu uair a thìde an dèidh sin thug mi an aire gun robh còig bàtaichean de chaochladh sheòrsa a’ seòladh a-mach an locha, agus bha e follaiseac­h gun robh an heileacopt­air ga chleachdad­h airson nan dealbhan a thogail. Le prosbaig chithinn gun robh dà bhirlinn am measg nan soithichea­n, tè nas lugha fo sheòl air toiseach agus te nas motha às a dèidh. Coltas sgeulachd a dh’ fhaodadh a bhith glè inntinneac­h, agus feumaidh mi an tiotal aice a’ lorg gus a faicinn nuair a bhios i deiseil.

Thàinig e nam inntinn as ùr, is mi ag amharc na bha a’ tachairt, mar a tha eachdraidh ionadail an cunnart a dhol à cuimhne, agus theagamh nas miosa buileach eachdraidh nach eil fìor ga chruthacha­dh. Tha sin gu cinnteach a’ tachairt a thaobh ainmean àite far an cluinnear mar eisimpleir, anns an sgìre agam fhìn, daoine a’ gabhail “green hillocks” air seann làrach Àirigh an t-Sluic. Cha mhotha na sin a tha mòran air fhàgail aig am bheil sgeul air làrach Àird a’ Chòmhraig ann an Caileabost far an deach, a-rèir aithris mo sheanar, dìoghaltas bhàsmhor air sgioba de chreachada­irean a bha a’ teicheadh an dèidh creach a dhèanamh an Uibhist. Chuir gaoth agus seòl-mara a-staigh gu ruige Loch Dhùn Bheagain iad agus rug na h-Uibhistich a bha às an dèidh orra ris a’ chladach ann an Caileabost, agus lean an t-ainm ris an làrach san deach am marbhadh. Nach tàmailteac­h ann an dòigh gum biodh film uirsgeulac­h ga chlàradh an cois làraich sam bheil leithid de dh’eachdraidh, agus tha e cho cudromach gun tèid ainmean àitichean agus làraich, agus an cuid eachdraidh, a ghleidhead­h. Tha Ainmean Àite Alba a’ dèanamh obair ionmholta san t-seadh sin mar a chì sibh air an làrachlìn ainmean-aite.scot

MANY PLACE NAMES bear witness to the geography and history of their locality, as well as its cultural heritage. The Gaelic place-names project Ainmean Àite, Alba’s new online database, is a valuable and fascinatin­g resource.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom