The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

RUD NACH EIL, NACH ROBH, ‘s nach bi, sìn a-mach do làmh is chì.

Thàinig faclan an tòimhseach­ain na mo chuimhne às ùr ‘s mi a’ tòiseachad­h ri Beachd na seachdaine seo a’ sgrìobhadh. Eagal ‘s nach eil am freagairt a’ tighinn thugaibh, ‘s e nach eil bhur corragan an aon fhaid.

Ach ‘s e thug na faclan gu mo chuimhne gun robh mi a’ leughadh mun iomairt a tha gu bhith a’ dol Disathairn­e ann an Dùn Èideann gus airgead a thogail airson dìon a thoirt dha daoine gun dachaigh a tha cadal air sràidean a’ bhaile.

Mo mhìle beannachd air an fheadhainn a tha dol a chur seachad oidhche Shathairne ann an Gàrradh Sràid a’ Phrionnsa mar mheadhan air taic airgid a thional. A bharrachd air fasgadh dhan fheadhainn gun dachaigh, tha luchd- deasachaid­h na h-iomairt seo cuideachd an dòchas gum faigh cuid cothroman air cosnadh a lorg, agus ‘s dòcha an t-amas as misneachai­le uile gu lèir gun cuirear às do dhaoine a bhith a’ cadal air sràidean a’ phrìomh bhaile.

Sin an rud, mar fhaclan an tòimhseach­ain, a th’ air a bhith riamh a’ tachairt tha amharas agam ach gun teagamh tha mòran nan èiginn a chuireas luach mòr air taic sam bith a gheibh iad. Bu mhath smaoineach­adh gum faigh iad an taic sin agus gun cuidich e iad gus an suidheacha­dh a leasachadh. ‘S e mo bheachd nach robh a’ mhòr-chuid de na leughas seo riamh gun dachaigh agus tha sinn uile mar sin gun làn-fhaireacha­dh air cò ris a tha leithid de dh’èiginn da-rìribh coltach, ach gu ìre air choreigin tuigidh sinn èis neach a tha fuar, acrach, agus aonarach.

Aig an àm seo den bhliadhna cluinnear mòran a bharrachd mu na truaghain a dh’fheumas dachaigh a dhèanamh air sràidean bhailtean-mòra ach chan e trioblaid geamhraidh a-mhàin a tha seo idir, agus ged a tha cuid nach till bhon dòigh-beatha sin, tha dùbhlan aig an Rìoghachd leasachadh a thoirt air leithid de mhasladh sòisealta. Chuala mi neach-naidheachd ag aithris bho chionn ghoirid air a còmhstri mhillteach a tha a’ leantainn ann an Siria agus thuirt e gun robh riaghladh aintighear­nail a’ Chinn-suidhe Asad air an sluagh a chur fodha chun na h-ìre ‘s nach fuilingead­h iad a’ chòrr agus dh’èirich cuid dhiubh na aghaidh. Tha a-nise na “reubaltaic­h” sin a’ call fo bhuaidh taice na Ruis dhan riaghaltas aig Asad agus anns an eadar-ama tha sluagh neoichiont­ach a’ bàsachadh leis an acras. Bhuail e orm gun robh mòran den aon rud fìor a thaobh suidheacha­dh nan croitearan ann an ochd deug agus na h-ochdadan agus gur e freastal a dh’fhàg nach robh barrachd smachd armachd aig na h-uachdarain agus na bàillidhea­n a bh’ ann!

CONGRATULA­TIONS to those who will brave Saturday night in Edinburgh’s Princes Street Gardens to help the city’s homeless.

Homelessne­ss is not new. It is a continuing social scandal which the country has a duty to eradicate.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom