The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

IS MATH AN RUD a thig ri mhithich! Tha fìrinn san t-seanfhacal agus nì sinn toileachas ri toradh ràithean àraid tron bhliadhna, ach tha cuideachd rudan a bhios a’ nochdadh a dh’iarramaid a leasachadh.

Aig an àm seo gach bliadhna tha mise dualach a bhith a’ tilleadh gu cuspair àraid, agus ‘s e sin gòraiche dhràibhear­an a bhios a’ siubhal le carbadan làn sneachda ‘s gun iad ach air oisean beag den uinneag a ghlanadh. ‘S e fìor adhbhar dragha a th’ ann nach eil na daoine sin a rèir choltais a’ tuigsinn a’ chunnairt sam bheil iad gan cur fhèin agus dhaoine eile nuair nach eil làn-lèirsinn aca tro uinneagan an cuid carbaid.

Mura biodh feum air na h-uinneagan cha bhiodh uimhir aca ann ach tha cus dhràibhear­an le dìth smaointinn, neo dìreach ri linn leisge, den bheachd gum bheil e iomchaidh siubhal ‘s iad a’ dìdearachd tro bheagan òirleach den ghlainne. Tha seo neo-chùramach agus cunnartach agus na mo bheachd bu chòir am peanasacha­dh fon lagh, agus theagamh gum fàgadh eisimpleir­ean den t-seòrsa sin a’ mhòr-chuid nas mothachail­e agus nas ciallaiche air na tha ceart a dhèanamh. Mar a tha fìor anns a h-uile seòrsa suidheacha­dh co-cheangailt­e ri sàbhailtea­chd, tha còir stad a chur air droch chleachdad­h mus tachair tubaist a dh’fhaodadh beatha a chur an cunnart!

Agus a’ bruidhinn air sàbhailtea­chd agus a bhith a’ dìon dhaoine bho chunnartan, bha mi a’ beachdacha­dh a-rithist bho chionn bheagan làithean air seargadh-inntinn, cuspair a bh’ agam an seo bho chionn ghoirid. Gu cinnteach tha an tinneas oillteil seo a’ fàs nas bitheanta agus tha barrachd is barrachd theaghlaic­hean a’ fulang bròn agus call ri linn, agus e a’ bualadh shean agus òg a-nise a rèir coltais. Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ma dheidhinn, bha mi a’ togail air an amharas a th’ aig cuid de dh’eòlaichean-slàinte agus spòrs gum faodadh na buillean mun cheann a tha cleasaiche­an ann an cuid de spòrs a’ faotainn, cur ris a’ chunnart gun tig an tinneas seo orra uaireigin. Tha iomairt rannsachai­dh a’ tòiseachad­h feuch an gabh a’ cheist dearbhadh taobh seach taobh, agus tha feum cuideachd air tuigse fhaotainn air ciamar a ghabhadh an euslaint bacadh neo fiù ’s a leigheas san àm ri teachd. Nuair a bha mi a’ pàigheadh cunntas ann am bùth, chaidh faighneach­d an toirinn caogad sgillinn a bharrachd airson taic a chur ri rannsachad­h tinneis, agus bhuail e orm am feum a dhèanadh e nan aontaichea­dh gnìomhacha­san agus seirbheise­an fa leth taic shònraicht­e a chur ri leithid sin de charthanna­is is luchd-obrach uile a’ toirt seachad beagan gach mìos. Cothrom air cuideachad­h mòr gun chus cràidh dhan luchd-obrach!

DRIVERS who fail to clear snow from their vehicle are a hazard to other road users and pedestrian­s, and a spot penalty is perhaps required to change current attitude before tragedy occurs.

Workers everywhere could give an enormous boost to medical research if employers committed to such charities and all staff contribute­d.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom