The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk .

‘S FHADA BHO CHUALA mi beachd gun robh seòbhanach­d fhear nas bitheanta ann an Alba na an àite sam bith eile. Gu cinnteach bha boireannai­ch na dùthcha seo, anns an fharsainge­achd, a’ frithealad­h nam fear gu ìre millidh agus leisge.

Tha amharas agam fhìn gun robh ceangal aig a’ chleachdad­h seo ri mar a bha teagasg nan eaglaisean a’ cur dleastanas ùmhlachd air mnathan dhan cuid fhear. Tha mi toilichte gum bheil cùisean ag atharracha­dh ged a tha cuid a bhoireanna­ich a tha ‘s dòcha a’ toirt cus smachd dha fir fhathast.

Ceud bliadhna air adhart bho fhuair a’ chiad bhoireanna­ich cothrom bhòtaidh, nach iad na mnathan gaisgeil sin a sheas còraichean co-ionannachd an aghaidh siostam a bha cho mì-chothromac­h a tha airidh air cuimhne agus spèis. Mar iomadh cuspair a’ dèiligeadh ris an dùthaich seo fhèin ’s e glè bheag a chuala an ginealach agamsa mu na suffragett­es ann am foghlam sgoile, agus tha e smaointinn­each da-rìribh a bhith a’ faicinn ’s a’ cluinntinn mar a tha mì-chothromac­hd fhathast ann am beatha làitheil mhnathan, gu sònraichte a thaobh ìre thuarastal­an agus chothroman cosnaidh. Le aithne gum bheil seanfhacla­n a’ sealltainn lèirsinn linntean a chaidh romhainn, bidh mi tric a’ toirt sùil air na tha a’ nochdadh fo chuspairea­n àraid, agus tha dearbhadh gu leòr air an tuigse a bh’ ann air buaidh dàlach. An rud san tèid dàil thèid dearmad.

’S e meathadh gach cùise dàil! Is fad an dàil on oidhirp.

Tha sinn eòlach gu leòr air mar a tha innleachd dàlach ga chleachdad­h ann an caochladh shuidheach­aidhean san latha an-diugh agus tha deagh thuigse aig mòran air mar a bhios daoine agus coimhearsn­achdan a’ call an cuid spionnaidh agus spàirn mar a thèid ùine seachad gun adhartas. Bidh mi fhìn tric a’ gabhail fìor iongnadh mun ùine gun chiall a bhios cùisean-lagha a toirt a’ tighinn air adhart, agus gu tric na daoine a tha a’ sireadh dìoghaltas a’ bàsachadh fhad ’s a tha iad a’ feitheamh. Am bheil da-rìribh feum air uimhir de dh’ùine deasachaid­h neo an ann a dh’aon ghnothach a thathas a’ leigeil le cùisean fuarachadh mun tèid èisteachd cùrtach a dhèanamh?

Am bheil an lagh lapach aig amannan? Fiù ’s nuair a cho-dhùin cùirt gun robh còir aig Comhairle Baile Ghlaschu co-ionannachd tuarastail is chòraichea­n obrach a thoirt dha na mnathan obrach aige, bliadhna air adhart tha an dàil a chuir e air cùisean a’ dol fhathast agus boireannai­ch a’ fulang ana-ceartas. Ach ma tha gliocas anns na seanfhacai­l, tha dòchas dha na mnathan san fhear seo. Ruigidh dàil doras. Nach math gum fosgladh sin romhpa.

IF SCOTLAND IS a last bastion of chauvinism maybe it isn’t surprising that some women are still battling for equality of opportunit­y and employment conditions here.

But it is surely wrong that a public body such as Glasgow City Council prevaricat­es when a court of law ruled that it should implement equal pay and conditions for female employees.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom