The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

‘S E SEALLADH DUILICH a th’ ann an togalaiche­an a’ dol bhuaithe air sràidean bhailtean mòra, neo air an tuath ‘s gun duine a rèir coltais a’ gabhail uallach mun deidhinn. Shaoileadh tu gum biodh eachdraidh an togalaich agus nan daoine a bha uaireigin ann an inntinn an neach dam buineadh e.

Ach ‘s dòcha gum bheil an seòrsa faireachai­dh sin gu bhith nas coltaiche far am bheil togalach air a bhith ann an teaghlach fad ùine agus, seach buidheann-glèidhteac­hais gan gabhail thairis, gum bheil a’ mhòr-chuid den t-seilbh eile ga reic ‘s ga cheannach airson airgead a dhèanamh às. Bidh cuid a’ ceannach an làraich seach a bhith a’ gabhail ùidh sam bith san togalach a th’ ann agus iad am beachd an làrach sin a ghlanadh airson togail air às ùr nuair a thig àm freagarrac­h.

Bha am Prìomhaire a’ càineadh bhuidhnean mòra togail ann an Sasainn bho chionn ghoirid airson a bhith a’ ceannach làraich togail is gan gleidheadh gun dad ga thogail orra. Trioblaid eile a dh’fhaodas tuiteam air neach aig am bheil seann togalach ‘s e gun tèid an t-àite a chomharrac­hadh mar ionad eachdraidh­eil, agus ma thèid a mheas aig sàr ìre feumar a chumadh a ghleidhead­h anns a h-uile seadh.

Tuigear gun cuir sin cosgais leasachaid­h suas gu mòr agus ann an iomadh suidheacha­dh gu ìre thar chomais an neach leis am bheil an togalach. Tha e follaiseac­h gum bheil maoin gu leòr aig cuid den luchd-ceannaich togalaiche­an a ghabhail thairis agus am fàgail falamh is gun leasachadh, agus faodaidh leithid sin a bhith glè thàmailtea­ch dha muinntir na coimhearsn­achd sam bheil an togalach sin gu sònraichte ma tha e a’ cur mì-shealladh air an sgìre.

Agus a rèir coltais, fiù ’s nuair a tha an togalach air crìonadh chun na h-ìre ‘s gum bheil e na chunnart chan eil e furasta dha ùghdarrasa­n dèiligeadh ris an t-suidheacha­dh, gu h-àraid ma tha an neach leis am bheil e a’ còmhnaidh ann an dùthaich eile. ‘S e an leamhachas as motha gur ann air na h-ughdarrasa­n ionadail a thig feuchainn ris an seòrsa dùbhlain seo a rèiteach aig ceann cùise, trioblaid a bharrachd air nach eil iarraidh neo feum is gu leòr air an aire mar-thà!

Chan eil teagamh nach e pàirt den duilgheada­s gum bheil e cho furasta do dhaoine far feadh an t-saoghail ionmhas a thasgadh ann an talamh is togalaiche­an ann am Breatann, agus tha sin a’ cur suas phrìsean cuideachd.

Saoilidh mi gun dèanadh e feum don dùthaich nan d’ rachadh an lagh a theannacha­dh gus uallaichea­n nas cruaidhe a chur air luchd-ceannach làraich agus thogalaich­ean gus nach biodh e fàbharach dhaibh an leithid fhàgail falamh agus a’ dol bhuaithe.

MANY will agree with Prime Minister Theresa May’s criticism of building companies which fail to build on their massive land banks in England.

Maybe laws require changing, and perhaps land and property ownership in the UK should also become considerab­ly more onerous for foreign investors.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom