The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

‘S NEÒNACH MURA CANADH cuid gur e aon de chomharran na h-aoise a th’ ann gum bheil mi air a bhith a’ smaoineach­adh bho chionn ghoirid mu cho cudromach ‘s a tha e gum bi plana aig buidhnean de gach seòrsa airson leantainne­achd rian nan tachradh gun cailleadh iad cuideigin aig àrd ìre.

Co-dhiù is e comataidh ionaltraid­h baile cruite neo bòrd-stiùiridh buidhne mhòir a th’ ann, saoilidh mi gum bheil còir aig iar-neach- dreuchd a bhith a’ cumail taic ri cathraiche­an, is leithid sin, gus gum biodh iad sin comasach air uallach na dreuchd a ghabhail nan tachradh nach b’ urrainn dhan neach a bh’ ann cumail a’ dol.

Theagamh gum bheil seo nas cudromaich­e buileach aig ìre bhuidhnean saor-thoileach a tha an sàs ann an obair coimhearsn­achd, agus nach tric a chluinnear mar a thuiteas buidheann den t-seòrsa às a chèile nuair a dh’fhalbhas aon neach bhuapa. Chan e idir nach robh na daoine eile èasgaidh agus dèanadach gu leòr ach, ‘s dòcha fiù ‘s gun fhiosta dhaibh, bha an neach seo a’ tarraing chùisean ri chèile agus a’ stiùireadh na h-obrach gu lèir. ‘S e sàr sgil a th’ ann an leithid sin de dh’iùil a thoirt dha buidheann sam bith, ach gu fortanach tha daoine ann aig am bheil leithid de chomasan agus a tha deònach an cur gu feum air son math an cuid choimhears­nachdan.

Aig amannan faodaidh gum bi cuid den fheadhainn a bhios air ceann chomataidh­ean, neo buidhnean-iomairt coimhearsn­achd, mì-fhoighidne­ach agus airson obrachadh leotha fhèin gus cùisean a ghluasad nas luaithe. Gabhaidh sin tuigsinn, ach ma thachras dad dhan cheannard sin faodaidh an iomairt gu lèir tuiteam ri linn dìth tuigse agus eòlais chàich a tha an sàs, air na bha a’ tachairt. Sin is coireach gum bheil mise cho daingeann na mo bheachd gur còir iar-chathraich­e, iar-neach- gairm, neo iar-cheann- suidhe, a stèidheach­adh air gach comataidh is bòrd-stiùiridh.

Tha mi cuideachd a’ creidsinn nach bu chòir uallach nan àrd-dhreuchdan sin leantainn air an aon neach seachad air ùine àraid agus anns an dòigh sin

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom