The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk.

THA MI A’ SGRÌOBHADH SEO air latha ceann-bliadhna shònraicht­e dhomh fhìn, agus tha mi ga sgrìobhadh nas tràithe nan àbhaist air sgàth ‘s gum bheil sinn a’ falbh dhan Eilean Sgitheanac­h airson beagan làithean.

Mar a thachair, tha ar ceann-bliadhna pòsaidh agus ceann-bliadhna ogha dhuinn ann beagan làithean ron cheann-bliadhna agam fhìn agus tha mo cheann na bhrochan eadar gach cuirm is ùpraid a th’ air a bhith dol fad na seachdaine.

Tuigidh sibh gur e làithean toilichte a tha seo dhuinne mar theaghlach. Ach ged a bha an t-seachdain seo cudromach, chan urrainn dhomh gun a bhith a’ beachdacha­dh air an naoidheamh latha fichead den Mhàrt anathbhlia­dhna agus sgaradh oifigeil Bhreatann bhon Aonadh Eòrpaich. Ged a tha luchd-poilitigs air a bhith a’ bleith an cuid theanganna­n mun seo fad ùine mhòr agus na meadhanan naidheachd a’ togail an cuid cheistean is bheachdan fhèin air cùisean, saoilidh mi gum bheil mòr-shluagh na dùthcha gu math mì-shoilleir fhathast mun bhuaidh a bhios aig Brexit air ar beatha làitheil.

Agus tha ceann-latha an dealachaid­h a’ teannadh oirnn glè luath! Gun teagamh tha an gluasad seo dol a chiallacha­dh barrachd dha cuid de ghnìomhach­asan na dùthcha seach feadhainn eile ach saoilidh mi gun toir lùghdachad­h sam bith air teachd-asteach na rìoghachd buaidh, agus gu h-àraidh aig àm far am bheil ionmhas poblach agus maoin leasachaid­h air a bhith cho gann fad bhliadhnai­chean.

Chan eil e gu diofar cò an taobh a sheallas tu feadh nan sgìrean as iomallaich­e den dùthaich chithear rathaidean is goireasan de gach seòrsa nach biodh idir ann às aonais taic ionmhais Eòrpach. Cha b ‘iongnadh mar sin ged a bhiodh iomagain mhòr feadh nan coimhearsn­achdan sin gu sònraichte a thaobh na tha an dàn nuair a sguireas na sruthan ionmhais sin. Fhad ‘s a tha gnìomhacha­s an iasgaich air seachd fadachdan fichead a

ghabhail a’ feitheamh ri leithid seo de sgaradh gus smachd às ùr fhaotainn air a chuid làraich iasgaich tha ceist air leithid gnìomhacha­s an àiteachais ach am bi an Riaghaltas air chomas, neo fiù ‘s deònach, na h-aon ìrean taice a chumail ris-san?

Le dealbh car mì-shoilleir agus beagan dubhach a’ tighinn thugam mu Bhrexit nach math gum bheil naidheachd­an eile ann a tha toirt togail dhomh. Sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh deiseil mu dheireadh thall agus gu bhith a’ fosgladh an dèidh na Càisge.

Gach soirbheach­adh leatha agus mo bheannachd aig an fheadhainn a rinn strì cho treun ga buinnig. Agus le Plana Nàiseanta Gàidhlig ùr ga fhoillseac­hadh feumaidh sinn a bhith misneachai­l air adhartas leasachaid­h dhan chànan thar na còig bliadhna romhainn.

BRITAIN will officially leave the EU on my birthday in 2019, and I’m not sure that it will be a present that I welcome.

I do warmly welcome news that Portree’s new Gaelic-medium school will open after the Easter break, and best wishes to staff and pupils. Best wishes also for the realisatio­n of the aspiration­s of the 2018-23 National Gaelic Language Plan published last week.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom