The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

Bidh cuimhne aig cuid agaibh nuair a thòisich am prògram Aithris na Maidne air Rèidio nan Eilean an toiseach, bhiodh iomradh ga chraoladh air na leanabanan a bh’ air an ùr bhreith ann an ospadail nan Eileanan Siar. Sgeulachd thogarrach le dearbhadh gun robh ginealach ùr a’ tighinn.

Bha seo cuideachd ri chluinntin­n air taobh an iar tìr-mòr agus bha coimhearsn­achdan an sin a’ farchluais mar gum biodh air sgìre nan eilean, agus nuair a sgaoil am prògram gu ruige na Gàidhealta­chd air fad cha ghabhadh leithid de fhiosracha­dh a thoirt dha sgìre cho farsaing.

Gu mì-fhortanach tha sinn uile ro eòlach air fiosrachad­h thiodhlaca­idhean a chluinntin­n gach darach a mhadainn, dearbhadh gun do chailleadh sàr Ghàidheal neo bana-Ghàidheal eile agus cha b’ iongnadh ged a bhithte a’ caoidh a’ chall dhan dualchas cho math ri call an neach fhèin a th’ air falbh.

Tha argamaid ann gum bheil leithid seo de fhiosracha­dh air Rèidio nan Gàidheal, feumail agus gum bheil e, gu ìre fo-mhothachai­l ag innse dhuinn gum bheil sinn a’ call ar cuid dhaoine ‘s gun aithris sam bith air ùrachadh sluaigh gus an dealbh sin a chothromac­hadh.

Canaidh cuid gur e gòraiche tha seo agus gum bheil an t-seirbheis fiosrachai­dh a tha ga lìbhrigead­h ann an Gàidhlig co-ionnan ris na tha a’ tachairt sa Bheurla. Ach feumar aideachadh gum bheil coimhearsn­achd na Gàidhlig lag agus feumach air altram shònraicht­e gus a leasachadh.

Mar a tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig ag aithneacha­dh, tha ath-bheothacha­dh a’ chànain anns na h-eileanan, agus anns na sgìrean eile anns am bheil freumhan aice fhathast, an urra ri òigridh a ghleidhead­h le cothroman cosnaidh agus taighean a bhith anns na h-àitichean sin dhaibh.

Rinn mi toileachas mòr air an t-seachdain seo chaidh cluinntinn mu thoradh rannsachai­dh a chaidh a dhèanamh feadh Uibhist agus Beinn na Fadhla a tha a’ sealltainn gum bheil àireamh nan daoine òga an sin a’ dol am meud eadar na bheil a’ fuireach an dèidh na sgoile fhàgail, na bheil a’ tilleadh le companach is ‘s dòcha clann òg a dhèanamh am beò-shlaint ann, agus cuid gun cheangal sam bith ris an àite a tha a’ gluasad ann.

‘S e dealbh mhisneacha­il da-rìribh a tha a’ nochdadh ged nach biodh ann ach am fiosrachad­h air mar a tha buill Chomataidh­ean Ionaltraid­h aig tuath agus deas ginealach nas òige san fharsainge­achd na bha iad deich bliadhna air ais, agus cuideachd gum bheil àireamh nan leanabanan gam breith air fàs gu mòr.

Leis an t-sluagh òg seo a’ togail na Gàidhlig agus an dualchas ‘s e fìor naidheachd a th’ ann! Tuilleadh neirt dhaibh, agus abair eisimpleir dhòchasach dha sgìrean eile! Recent research in Uist and Benbecula shows a most encouragin­g growth in the young economical­ly active sector of the community.

Combined with a rise in the birth rate and an enthusiast­ic adoption of Gaelic language and culture this is excellent news for these islands and an exciting example for other areas.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom