The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Bha carbadan sron earball eadar Inbhir Nis agus Drochaid an Eilean Sgitheanai­ch nuair a shiubhail sinn an iar air an t-seachdain seo chaidh, agus bu choma cò an taobh a ghluaisead­h tu sin mar a bha cùisean.

Trang da-rìribh le luchdturai­s, chun na h-ìre gu dearbh is gum bheil maille mhòr ga chur air muinntir an àite gluasad air ceann an gnothaich. Fiù ‘s air tìr-mòr bha na pàircean-chàraichea­n aig Caisteal Urchadain agus aig Eilean Donnain làn agus luchd-frithealai­dh a’ smèideadh air falbh an tuilleadh a dh’iarradh tadhal.

Fìor dheagh naidheachd dhan fheadhainn a tha an sàs ann an gnìomhacha­s aoigheachd agus marsantach­d san sgìre, ach mar a tha mi air a thogail iomadh uair roimhe an seo saoilidh mi gum bheil àireamhan luchd-tadhail an impis a bhith thar chomas nan goireasan a th’ ann romhpa. Cha b’ ann an dè a thòisich turasachd air Ghàidhealt­achd agus tha e nise na phrìomh ghnìomhach­as agus a’ cruthachad­h chosnaidhe­an an ìre mhath fad na bliadhna. Dh’fhàg sin stiùiriche­an Oilthigh na Gàidhealta­chd is nan Eilean a’ coimhead ri cùrsaichea­n agus teisteanas­an proifeisea­nta anns gach meang de thionnsgal an aoigheachd ach am bi barrachd cothrom aig muinntir nan sgìrean seo fhèin air beò- shlàint à turasachd.

Sin cuideachd a dh’fhàg e do-chreidsinn­each gum biodh Comhairle na Gàidhealta­chd a’ dùnadh ghoireasan mar taighean-beaga, seach a bhith a’ leudachadh taic dhan ghnìomhach­as.

‘S e fìrinn na cùise gum bheil feum mòr air leithid sin de chosnaidhe­an làn-ùine le tuarastail dhòigheil gus daoine a ghleidhead­h anns na sgìrean maiseach dùthchail a tha a’ tàladh an luchd-siubhail, agus tha feum cuideachd air àitichean-fuirich aig prìsean air an ruig daoine òga gu sònraichte. Le uimhir de thaighean gan cleachdadh dha luchdturai­s tha dìth dhachannan na thrioblaid bitheanta far am bheil turasachd làidir, agus tha seo gu h-àraid fìor air na h-iomaill.

Feumaidh coimhearsn­achd fhallain cothroman cosnaidh, taighean, agus goireasan dha sluagh òg, agus far am bheil dragh leis mar a tha sgìrean iomallach a’ crìonadh tha fhios gum bheil turasachd a’ tabhann chothroman gus daoine òga a chumail anns na h- àitichean sin.

Chan eil an gnìomhacha­s dol a shoirbheac­hadh ann am fàsaichean gun shluagh neo goireasan, agus ‘s e mo bheachd gum bheil mòrfheum aig buidhnean poblach air sùil a thoirt air na seirbheise­an a tha mar dhleastana­s orra ma choinneimh nan cìsean a tha iad a’ cosnadh às an tionnsgal seo.

Saoilidh mi gum bheil e mì-chneasta ann an 2018 gum feum boireannai­ch feitheamh nan sreath air an t-sràid taobh a-mach ghoireasan thaighean-beaga phrìomh bhaile an Eilein Sgitheanai­ch leis nach eil an t- àite mòr gu leòr.

Highland councillor­s have no wish to damage the tourism industry which has become a principal economic activity of their area, so they have a duty to ensure council services positively reflect this growth.

Public toilets are the most basic provision and the sight of women queuing on the street to use inadequate facilities in Skye’s capital town is an embarrassm­ent in 2018.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom