The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

‘Se suidheacha­dh dòrainneac­h a th’ ann mar a tha am fàsgadh air maoin sheirbheis­ean poblach a’ leantainn ‘s gun bhoillsgea­dh dòchais air faochadh, agus aig amannan saoilidh tu gum bheil dàrna suidheacha­dh a’ magadh air fear eile nuair a chithear amasan mòra leasachaid­h gam foillseach­adh aig an aon àm ‘s a tha sochairean sheann daoine is eile gan gearradh bhuapa.

Mar a tha an seanfhacal ag ràdh ‘s e obair latha tòiseachad­h agus ged a tha iomairt ath-nuadhachai­dh na Gàidhlig air adhartas a dhèanamh bho thòisichea­dh faisg air leth-cheud bliadhna air ais tha dùbhlan mòr romhainn fhathast gus am blàr sin a bhuinnig. Ma chailleas sinn gluasad na h-iomairt dh’fhaodadh nach gabh e cur gu dol a- rithist!

Ach tha rudan misneachai­l a’ tachairt is treas Plana Nàiseanta Gàidhlig againn air ghluasad agus bho chionn beagan sheachdain­ean dhaingnich grunnd bhuidhnean poblach an cuid taice agus dealas dha amasan a’ Phlana aig coinneimh le Iar-Phrìomh Mhinistear Alba, Iain Swinney. Ghabh buidhnean fa leth uallach gus raointean leasachaid­h àraid dhen Phlana a ghluasad air adhart agus bidh dùil ri aithrisean soirbheach­aidh air na h-adhartasan sin nuair a choinniche­as iad ri Mgr Swinney a-rithist san fhoghar 2019. Ach chan eil an obair- leasachaid­h seo idir furasta agus, mar a tha sinn a’ cluinntinn cho bitheanta, ged a tha seirbheise­an taice gam fàs ‘s e misneachd agus gnìomh an t-sluaigh an rud as deatamaich­e dhan Ghàidhlig. Cleachd i neo caill i! Tha sin cho fìor ‘s a bha e riamh, agus nuair a tha àireamh luchd-cleachdaid­h cho ìosal ‘s a tha iad, tha an rabhadh nas èiginniche buileach!

Chaidh a dhearbhadh air feadh choimhears­nachdan mhion-chànain an t-saoghail gum bheil bogadh agus foghlam tro mheadhan nan cànan sin na dhòigh èifeachdac­h air cuideachad­h gus mion-chànain ùrachadh. Gun teagamh sam bith cha ghlèidh sin an cànan leis fhèin ach tha e na phàirt air leth bunaiteach am measg na h-acfhainn leasachaid­h air am bheil feum, agus le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air adhartas cho mòr a dhèanamh mar-thà cuideachd cha b’ iongnadh ged a bhithte ag iarraidh gun cumadh e a’ leudachadh. Tha co-luadar poblach daonnan doirbh dha mion-bhuidheann leis gum bheil mòr-chuid (agus deamocrasa­idh!) gu bhith an aghaidh an rùin. Agus tha sin fìor a thaobh coimhearsn­achd na Gàidhlig, ach far am bheil aonta air luach an dualchais seo dhan t-saoghal agus taic eadar-Phàrtaidh air cùl Plana Nàiseanta chan fhaod amas mion-choimhears­nachd a chur an suarachas.

Bha eachdraidh sgioba iomain Bhaile Ùr an t-Slèibh gu ìre an aghaidh Lòbhat ann am farpais Cupa na Camanachd Disathairn­e seo chaidh agus ged a rinn Lòbhat deagh spàirn bha am Bail’ Ùr airidh air an duais.

With minorities always at risk in democratic processes, it is hugely important and encouragin­g to have cross-party support for the third National Plan for Gaelic, and commitment from public bodies towards achieving its aspiration­s. While congratula­ting Lovat on reaching the Camanachd Cup final there could be no doubt Newtonmore were worthy winners last Saturday.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom