The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

Cho fad ’s is cuimhne leam tha mi air a bhith measail air earrach agus foghar, amannan cura agus buain! Fiù ’s ged nach eil againne ach lios beag gàrraidh tha tlachd mhòr ann a bhith ga àiteach, agus a’ faicinn na chuireas sinn a’ fàs.

Tha buachaille­achd ri dhèanamh gus planntrais a dhìon ach le beagan dìchill gheibh thu luach do shaothrach.

Bhiodh e ladarna dhuinne gearan air mar a chaidh cùisean leinn anns a’ ghàrradh am-bliadhna oir ged nach tàinig a h-uile càil chun na h-ìre a dh’iarramaid, bha deagh bhuain againn. Cha robh am buntàta cho lìonmhor anns a’ ghàrradh am-bliadhna agus bha ceist agam am b’ i an aimsir thioram a bu choireach ged a bha mi a’ cumail uisge ris.

Mar phlanntrai­s eile feumaidh buntàta grian agus uisge gus fàs agus cha do chòrd tiormachd an t-samhraidh idir ri iomadh achadh dheth! Ri linn sin tha cuid de thuathanai­ch a’ gearan air lughdachad­h toraidh agus tha feadhainn ag ràdh gum faodadh buntàta bhith nas gainne am-bliadhna na ‘n àbhaist. Tuigidh sibh mar sin cho toilichte ‘s a bha mi nuair a thug mi cuairt chun an raon a bha mi fhìn is Iain Ùisdean còir air a chur agus far an deach agam air cha mhòr peile a’ lìonadh far dà chuiseig de Kerrs Pink!

Dh’fhàs e fìor mhath, lìonmhor agus mòr, agus ged nach eil an Golden Wonder dualach a bhith cho torrach tha esan cuideachd air tighinn air adhart sònraichte math.

Cha d’ fhuair Iain de shaoghal na leigeadh dha toradh an t-sìl a chuir sinn fhaicinn air abachadh, ach saoilidh mi gum biodh e air a dheagh dhòigh leis mar a thachair le mòran grèine, glè bheag uisge, agus gun chus àiteachais bho chaidh an sìol a chur ach cranndrili­dh a chur troimhe uair neo dhà gus na luibhean a chumail fo smachd.

Nuair a thogas sinn e a dh’aithghearr bidh e inntinneac­h tuairmse tomhais a dhèanamh air ìre iomallan an tòraidh ma choinneamh na chuir sinn. Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo bidh mise ann an Dùn Omhain agus an seachdamh Mòd Nàiseanta anns a’ bhaile sin an impis tòiseachad­h, agus chan eil teagamh nach eil ochd làithean dripeil ro sgioba beag luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidheala­ich, buill na Comataidh Eagrachaid­h Ionadail, agus àireamh mhòr eile de luchdtaice saor-thoileach.

Bidh faisg air trì mìle farpaiseac­h air bhioran cuideachd is bidh fiughair oirnn faicinn agus cluinntinn toradh an obair-deasachaid­h a rinn iadsan uile ma choinneamh a’ Mhòid. Mar a chuirear ‘s ann a bhuainear, agus gach soirbheach­adh leotha agus leis a’ Ghàidhlig.

Growers everywhere enjoy harvesting carefully nurtured crops and a high yield always gives particular pleasure.

As you read this, the 2018 Royal National Mòd will be opening in Dunoon and over eight days just under 3,000 competitor­s will demonstrat­e the results of many hours of preparatio­n.

We wish them all success, and another beneficial yield for Gaelic.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom