The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

Tha mi a’ sgrìobhadh seo is Mòd Nàiseanta Rìoghail 2018 dìreach air tòiseachad­h ann an Dùn Omhain, agus bha fìor dheagh chuirm fosglaidh ann a dh’aindeoin ‘s ged a b’ fheudar a’ chaismeach­d lòchran a chur dheth aig a’ mhionaid mu dheireadh.

Thàinig an stoirm Calum air tìr oidhche Dhiardaoin agus bha i fiadhaich da-rìribh tron latha Dihaoine le gaoth is uisge.

Aig an fhàilteach­as a chùm An Comunn Gàidhealac­h aig Talla Baile Dhùn Omhain feasgar Dihaoine le aoigheachd bho Chalmac, prìomh bhuidheann goistidhea­chd na roinne prìobhaidi­ch dhan Mhòd Nàiseanta, bha Ball Pàrlamaid Albannach na Sgìre Mìchael Ruiseal a’ dèanamh beagan spòrs mu na duilgheada­san a bha ma choinneamh luchdtadha­il a’ Mhòid.

Eadar maoim-slèibhe air a’ phrìomh rathad a’ ciallachad­h còrr air trì fichead mìle siubhail a bharrachd air an rathad neo mì-chinnt sheirbheis aiseagan, cha robh an turas idir furasta thuirt e, ach cha do chuir dùbhlain den t-seòrsa cus bacaidh riamh air na Gàidheil!

Bha e tàmailteac­h dhan Chomataidh Eagrachaid­h gum b’ fheudar a’ chaismeach­d a chur dheth an dèidh uimhir de shaothair ga deasachadh, ach cò aige tha fios nach gabh a’ chaismeach­d dèanamh nas fhaide den t-seachdain, chan eil riaghailt sam bith a tha ag ràdh gum feum i bhith ann aig an fhosgladh a-mhàin.

Bha uallach sònraichte aig Mìcheal Ruiseal a bhith ag ainmeachad­h cò bh’ air duais Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna aig Riaghaltas na h-Alba a bhuannacha­dh, agus ann am Bliadhna na h-Òigridh chòrd e gu mòr ris na bha an làthair cluinntinn gun robh sin air a dhol gu Eilidh NicCarmaig à Port Rìgh.

Thug Eilidh taing dha Comataidh Òigridh agus Bòrd a’ Chomuinn Ghàidheala­ich a bh’ air an taghadh a dhèanamh às leth an Riaghaltai­s agus mar a tha tur iomchaidh dha na h-uile againn a bhuannaich an t-urram seo, gheall i gun cumadh ise cuideachd ag obair gu dìcheallac­h às leth na Gàidhlig agus a cultar.

Bha a’ chiad chothrom aig Eilidh sin a dhèanamh mar bhall den chòmhlan bhan Sian aig cuirm fosglaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2018 goirid an dèidh sin, far an cualas cuideachd an còmhlan ealanta beothail Beinn Lee le sianar òga à Uibhist a’ cosnadh moladh dùrachdach bhon luchd- èisteachd. Fìor dheagh thòiseacha­dh dhan Mhòd ann am Bliadhna na h-Òigridh. Mun àm a bhios sibhse a’ leughadh seo bidh cùisean a’ teannadh gu crìch seachdaine a tha mi ’n dòchas a bhios soirbheach­ail, taitneach, misneachai­l, agus adhartach dhan Ghàidhlig agus dhan na h-uile a dh’obraich cho cruaidh gus an tachartas seo a thoirt gu bith.

Despite Storm Callum, the formal opening of the Royal National Mòd 2018 in Dunoon was hugely successful, dominated by the melodic singing of the female group Sian and the stirring music of the young Uist band Beinn Li.

While a significan­t and appropriat­e message in this Year of Young People, it was also good to hear An Comunn Gàidhealac­h reaffirm its commitment to listen and work with young Gaelic speakers and learners. Cultural succession planning.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom