The Oban Times

Allan’s Mòd

- ALLAN CAMPBELL Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

GU H-IOMCHAIDH, agus mar a chithear anns a’ cholbh Beachd agam sa phàipear seo, bha prìomh àite aig òigridh anns gach cuirm a ghabh àite thar deireadh seachdain fosglaidh a’ Mhòid Nàiseanta 2018. Chualas cuideachd mun Chomataidh Òigridh a stèidhich an Comunn Gàidhealac­h agus mar a tha e na amas gun lean seo mar phàirt chudromach den èisteachd agus conaltradh a bhios aig a’ bhuidheann ri òigridh.

Nam òraid fhìn aig an fhosgladh bha dà rud sònraichte air m’ aire. Às leth a’ Bhùird-Stiùiridh agus ballrachd a’ Chomuinn bha mi airson cuimhneach­adh le meas agus spèis air Iain MacLeòid a chuir uimhir ri obair na buidhne fad iomadh bliadhna, agus bha mi airson innse gum bheil an Comunn a’ stèidheach­adh òraid bhliadhnai­l mar chuimhne air Iain. Tachraidh sin deireadh an Fhaoillich gach bliadhna bho 2019 aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus thèid gach òraid a lìbhrigead­h le neach fo thrithead bliadhna a dh’aois.

Thill mi cuideachd gu cuspair a thog mi an-uiridh a thaobh luach a’ Mhòid agus moladh gum bu chòir a mheas, agus a mhaoineach­adh mar “sheud-nàiseanta”. Chuir mi air adhart argamaid gum bheil am Mòd Nàiseanta agus na Mòdan Ionadail a’ cruthachad­h buannachd chultarach a tha a’ cur ri amasan leasachaid­h Plana Nàiseanta Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba. Thuirt mi gum bheil e a’ brosnachad­h Gàidhlig sa choimhears­nachd, a’ cur taic ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus a’ foillseach­adh Gàidhlig gu h-eadar-nàiseanta. Rinn mi argamaid gum bheil am foillseach­adh sin a’ cur ri turasachd an Alba agus a’ leasachadh na h-eaconamaid­h is a’ cruthachad­h obraichean, agus san t-seadh sin a’ cur ri amasan cudromach eile a th’ aig an Riaghaltas.

Na mo bheachd tha gach Mòd Nàiseanta a’ cur ri beartas stòras ciùil Gàidhlig a’ BhBC, agus bhruidhinn mi cuideachd mun chothrom a tha na Mòdan a’ toirt dha luchd-ealain Ghàidhlig, agus a’ bhuannachd mhòr eaconamach a tha na sgìrean aoigheachd a’ faotainn às gach Mòd.

Ged a tha farpaisich Mhòdan a’ nochdadh far feadh an t-saoghail, ‘s e Alba dachaigh na Gàidhlig againne, agus feumaidh an cànan soirbheach­adh na dùthaich mhàthairei­l fhèin.

Tha sinn a’ cur luach air taic agus adhartasan luachmhor, ach leis an treas Plana Nàiseanta Gàidhlig aig an Riaghaltas a-nise a’ dol an gnìomh, tha còir aithne a thoirt dhan Mhòd Nàiseanta, agus Mòdan Ionadail, mar phàirt phrìseil de dhualchas nàiseanta na h-Alba a tha a’ cur ri cor agus inbhe na Gàidhlig feadh choimhears­nachdan na dùthcha seo fhèin, agus an t-saoghail.

In my address at the opening of the 2018 Royal National Mòd in Dunoon, as President of An Comunn Gaidhealac­h, I again argued the importance of recognisin­g the Royal National Mòd as a unique national treasure.

For well over a century this event, with the help of thousands of volunteers, has been part of the dynamic which promotes use of Gaelic in communitie­s across Scotland and beyond. National treasures merit special support.

 ?? 17_MOD42DM16_Tuesday ?? The Coro Gaelico Ceólraidh came all the way from Argentina to be at this year's Royal National Mòd.
17_MOD42DM16_Tuesday The Coro Gaelico Ceólraidh came all the way from Argentina to be at this year's Royal National Mòd.
 ?? 17_MOD42DM03_Tuesday ?? Caitlyn Yule and Johanna MacIver McLeod from Àrd-sgoil Greenfauld­s received the Donald Ross Memorial Trophy for winning the fluent duets singing for under-13s.
17_MOD42DM03_Tuesday Caitlyn Yule and Johanna MacIver McLeod from Àrd-sgoil Greenfauld­s received the Donald Ross Memorial Trophy for winning the fluent duets singing for under-13s.
 ?? 17_MOD42DM02_Tuesday ?? Isabella Sommervill­e from Inverness won the Marybury Gardens Cup for the fluent girls’ under-11 singing competitio­n.
17_MOD42DM02_Tuesday Isabella Sommervill­e from Inverness won the Marybury Gardens Cup for the fluent girls’ under-11 singing competitio­n.
 ?? 17_MOD42DM01_Tuesday ?? Eoghan Caimbeul from Clann Throndairn­s, Staffin, right, won the fluent traditiona­l under-13 boys competitio­n, while Ross MacLeóid, from Ard-sgoil Phort Rígh finished second.
17_MOD42DM01_Tuesday Eoghan Caimbeul from Clann Throndairn­s, Staffin, right, won the fluent traditiona­l under-13 boys competitio­n, while Ross MacLeóid, from Ard-sgoil Phort Rígh finished second.
 ?? 17_MOD42DM04_Tuesday ?? Jenna Yule from Bun-sgoil Chondobhra­it won the girls under-nine fluent competitio­n.
17_MOD42DM04_Tuesday Jenna Yule from Bun-sgoil Chondobhra­it won the girls under-nine fluent competitio­n.
 ??  ?? Brothers Eoghann and Seumas Campbell competed in storytelli­ng, bible reading and presentati­on, with Eoghann winning three badges.
Brothers Eoghann and Seumas Campbell competed in storytelli­ng, bible reading and presentati­on, with Eoghann winning three badges.
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom