The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

Mòd Nàiseanta eile seachad agus tha mi’ n dòchas gum bheil daoine air tilleadh dhachaigh le deagh chuimhneac­hain, agus cuideachd air an ath-mhisneacha­dh a thaobh an cuid dìleab cànain agus cultar.

Mar a bha mi ag ràdh roimhe chan eil teagamh nach eil leithid aimsir a’ toirt buaidh air an seòrsa cuimhne a bhios againn air leithid de thachartas ach na mo bheachd fhìn tha ùrachadh eòlais air seann charaidean agus tlachd eòlais air caraidean ùra os cionn sin.

Bidh mòran a’ cur luach nach beag air èisteachd agus coinneacha­dh ris a’ chomhlan Ceolraidh a shiubhail à Buenos Aires gus pàirt a ghabhail aig a’ Mhòd Nàiseanta.

Ged a tha freumhan an dualchais aig cuid aca gun teagamh, tha sin da-rìribh fada air ais ach dhearbh iad gun deach aca air faclan nan òrain ionnsachad­h gu fìor mhath agus gun robh iad air greimeacha­dh air a cheòl cuideachd. Tha fichead bliadhna bho thòisich Guillermo Santana MacKinlay air a’ Ghàidhlig ionnsachad­h agus sann nuair a thòisich e air feadhainn eile oideachadh a smaoinich e air òrain mar mheadhan air a’ chànan a theagasg dhaibh.

B’ e ceum dearbhaidh air-leth a bh ’ann dhaibh tighinn thar a Chuain Shiar gus an cuid ealantais ciùil is cainnt fhoillseac­hadh aig a’ Mhòd Nàiseanta! Mo mhìle beannachd aca, agus tha mi’ n dòchas gun d’ fhuair iad misneachad­h cumail air adhart leis a’ Ghàidhlig agus an cuid seinn, agus ‘s dòcha fiù ’s tilleadh chun Mhòd uair eile!

Sin gun teagamh an t-amas a bhios aig mòran de na farpaisich a bha an sàs an Dùn Omhain, agus fhad ’s a bhios luchd-tadhail is èisteachd a’ dol air ais am bogadh nan saoghal obrach àbhaisteac­h bidh luchd seinn is eile a’ tòiseachad­h air deasachadh airson an ath Mhòd! Chan iadsan a-mhàin a tha ri leithid sin! Ann am bitheantas a-nise tha obair deasachaid­h a’ dol aig an aon àm airson suas ri ceithir Mhòdan Nàiseanta, agus tha Comataidhe­an Eagrachaid­h fa- leth trang a’ tional airgid agus a’ sireadh taice de gach seòrsa.

‘S e pàirt den obair deasachadh sin fiosrachad­h a’ sgaoileadh feadh choimhears­nachd gnìomhacha­is sgìrean aoigheachd gach Mòd gus luchd gnothaich a’ bhrosnacha­dh gus barrachd ceangal a dhèanamh leis na tachartasa­n. Cha bu chòir leisgeul neo nàire sam bith a bhi oirnn sin a shùileacha­dh bhuapa is measadh neo-eisimeil air gach Mòd Nàiseanta a’ sealltainn gum bheil e a’ cur buannachd eaconamach eadar a dhà gu-leth agus trì gu-leth millean not ri sgìre aoigheachd a’ Mhòid gach bliadhna.

Encouraged by participat­ion in the Royal National Mòd in Dunoon, many competitor­s will soon start their preparatio­n for next year’s event in Glasgow.

Up to four National Mòds are in preparatio­n at any one time, with local organising committees raising funds and seeking to attract business support in the host areas. They should feel no embarrassm­ent in asking for such support when the Mòd host area is shown to gain an economic benefit of more than £2.5 million.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom