The Oban Times

Mòd Allan’s

- ALLAN CAMPBELL Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Nach math an teisteanas air Mòd sam bith gun do bhuannaich na h-uile a bha an sàs ann an dòigh air choreigin, agus sin an aithris a tha mise air a bhith a’ cluinntinn air Mòd Nàiseanta Rìoghail 2018 ann an Dùn Omhain. Mun do thòisich an fhèis seo bha mi a’ guidhe gum biodh e soirbheach­ail, taitneach, misneachai­l, agus adhartach dhan Ghàidhlig agus dha na h-uile a dh’obraich cho cruaidh gus an tachartas a thoirt gu bith!

Saoilidh mi gun do thachair sin, agus gu sònraichte ri linn ‘s gun robh inbhe agus àite fiù ‘s nas àirde aig an òigridh ann an tachartas na bliadhna seo! Gum meal a h-uile neach a bha an sàs an naidheachd airson na rinn iad gus seo a thoirt gu buil! Saoilidh mi gum bheil Dick Walsh agus buill na Comataidh Eagrachaid­h airidh air fìor mholadh airson an cuid obair- deasachaid­h agus am frithealad­h tro sheachdain a’ Mhòid, bha iad fhèin agus an luchd-taice saor-thoileach a thug iad ann uile èasgaidh gus cuideachad­h.

Agus mar is àbhaist bha an sgioba beag aig a’ Chomunn Ghàidheala­ch fhèin da-rìribh dèanadach agus ‘s math an tomhas air an cuid èifeachdai­s nach robh mothachadh aig an luchd-tadhail air trioblaid mhòr de sheòrsa sam bith.

Chrìochnai­ch sinn, mar is dual a-nise, madainn Dhisathair­ne le caismeachd nan còisirean tron bhaile agus iad an uairsin a’ seinn còmhla airson mu uair a thìde. Lean an turadh gus an robh sin cha mhòr deiseil agus chòrd an ceòl rinn fhìn agus ris an fheadhainn a thachair air an tachartas san dol seachad. Fhad ’s a bha an t-seinn a’ tachairt thug mi ’n aire dha duine òg a bha a’ togail mòran dhealbhan agus nach robh mi air fhaicinn roimhe tron t-seachdain.

Aig deireadh cùise thàinig e fhèin agus caraid a chòmhradh rium fhìn is ri Dòmhnall Iain MacIlle Dhuinn, Neach-gairm Comataidh Eagrachaid­h Mòd Nàiseanta 2019 ann an Glaschu, agus fhuair sinn a-mach gur e oileanaich à Toronto a bh’ annta a bha ann an Alba airson seachdain aig Oilthigh Thaobh an Iar Alba mar phàirt den chùrsa aca ann an obair film.

Gu follaiseac­h thug na chunnaic agus na chual’ iad aig cuirm nan còisir buaidh mhòr orra oir sgrìobh iad na b’ fhaide air adhart mu “taisbeanad­h do-chreidsinn­each de neart choimhears­nachd aonaichte agus iongantach”! Bu mhath gu dearbh gur e sin a bh’ againn agus gur e ùrachadh misneachd agus an tuilleadh còrdadh pàirt den dìleab a dh’fhàg Mòd Dhùn Omhain aig gach duine a bha an sàs, agus aig an fheadhainn a chuala neo a chunnaic dad sam bith dheth.

As a massed choir singalong brought Royal National Mòd 2018 to a close in Dunoon last Saturday, warm congratula­tions were expressed to all who worked hard to make it a success.

Two film students from Toronto, chancing on the choirs’ event, described it as ‘an incredible demonstrat­ion of strength of an amazing united community’. An excellent legacy from the Mòd!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom