The Oban Times

Bliadhna mhath ùr dhuibh uile!

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

Tha mi ’n dòchas gun robh fìor shubhachas mur timcheall nuair a ghabh sibh beannachd le 2018 agus a chuir sibh fàilte air 2019, agus tha mi cuideachd an dòchas gun robh sibh ann an sunnd gàire agus beagan spòrs nuair a nochd i! Bu mhath leam gu dearbha gur ann mar sin a bhitheas fad na bliadhna ùire seo dhuibh, le slàinte, sonas, misneachd, agus aighearach­d. ‘S dòcha gum bheil e beagan mì-reusanta dhomh a bhith ag iarraidh uimhir ach tha mi ’n dòchas gum faigh sinn uile roinn de na sòlais sin aig a’ char as lugha! Bidh mi tric a’ cuimhneach­adh air amannan bliadhn’ ùire nam òige is mar a bhiodh m’ athair agus nàbaidhean ag aithris faclan à bàrdachd Mhàiri Mhòr nan Òran nuair a bhiodh iad ag òl deoch-slàinte. “Seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn!” Bha e nàdarra gu leòr gum biodh iad uile beò ann an dòchas air adhartas nan cuid suidheacha­idh ann am bliadhna ùr.

Dè a dh’iarradh tu fhèin ann an 2019, gu pearsanta agus dhan dùthaich? ‘S e mo bheachd gun cuireadh a’ mhòr-chuid deagh shlàinte dhaibh fhèin agus dhan teaghlaich­ean àrd air liosta rùintean na bliadhn’ ùire. Bhiodh e nàdarra cuideachd dhuinn a bhith an dòchas ri tèaraintea­chd dachaigh agus teachd-a-steach dha na bhuineas dhuinn, agus nach bu mhath gun iarramaid leithid sin dhan na h-uile le aithne gun toireadh sin leasachadh bunaiteach air cor uimhir feadh na dùthcha againn a tha beò ann am bochdainn.

Saoilidh mi le cinnt gum bheil fadachd oirnn uile crìoch fhaicinn air a’ bhutarrais anns am bheil ceist Brexit agus dealachadh Bhreatainn bhon Aonadh Eòrpach. Ged is e mo bheachd pearsanta gum b’ fheàrr fuireach san aonadh thug toradh an reifreinn stiùir eile dhan Riaghaltas, ach gu deimhinnte ‘s olc a chaidh iad ri cùisean agus tha sinn a-nise an cunnart dealachadh deireadh a’ Mhàirt gun aonta malairt shusbainte­ach de sheòrsa sam bith. Bhiodh e ceàrr a ràdh nach robh an seòrsa barganacha­dh seo toinnte agus doirbh ach tuigear carson a tha mòran a’ faireachad­h nach do chuir Ministeara­n deatamachd gu leòr dhan a’ phrìomh obair. Bha seo gu ìre ri linn na bha, is na tha fhathast, de dh’eas-aonta nam measg mun t-slighe air adhart gun ghuth air prìomh phàrtaidh dùbhlain air leth-chois le neo-dheimhinnt­eachd poileasaid­h! Cha b’ iongnadh mì-chinnt am measg mhòran den t-sluagh agus bidh sinn an dòchas gun tig aonta air innleachd adhartais a bhios gu math na dùthcha gu lèir.

A happy and prosperous new year to you all! Health and income security are natural priorities in our new year wish lists and if we extend that aspiration to include all of those who have little or nothing, we might achieve some real change in 2019. Blundering over Brexit is creating confusion and insecurity and we desperatel­y need statesmans­hip and clarity of purpose from all MPs to progress the best interests of our country.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom