Beachd Ailein

The Oban Times - - YOUR VIEWS - AL­LAN CAMP­BELL edi­[email protected]­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) [email protected]­times.co.uk

Si­ol­padh! Fa­cal a bha bitheanta ann an dual-chainnt na sgìre san do dh’fhàs mi suas air taobh an iar an Eilein Sgitheanaich. Tha an aon chiall aig an fha­cal seo ri “èal­adh” ach dhomhsa cod­hiù tha am fuaim­neachadh a’ toirt dealbh nas fheàrr air seòl­tachd agus tomhas den olc.

Chan eil mi cin­nteach an gabh olc cur às leth an li­uthad buid­heann choimearsalta a tha a’ sni­a­gadh àr­dachadh chos­gaisean air luchd-cean­nach gun fhiosta dhaibh, ach tha cleach­dadh den t-seòrsa seo a’ fàs bitheanta a rèir choltais agus ‘s fhi­ach aire a thoirt dha na rab­haid­hean a tha a’ nochdadh ma dhei­d­hinn.

Bidh cuimhne aig mòran air àm san robh dìlseachd ga mheas cu­d­ro­mach eadar neach-lìbh­rigidh seirb­heis agus an fhead­hainn a bha a’ cean­nach bhuaithe agus bha lu­ach air an earbsa a bha a’ fàs eatarra. Gu mì-fhor­tanach ‘s e glè bheag den t-seòrsa càird­eis sin a chit­hear a-nise eadar gnìomhachas agus luchd-cleach­daidh agus gu ìre mhòr ‘s coma dè an raon obrach air an smaoinich thu tha na ceanglaichean pearsanta prì­seil a b’ àb­haist a bhith ann a’ sìor dhol à seal­ladh.

Mar eisim­pleir cò mheud agaibh dhan aithne man­aid­sear a’ bhanca a tha sibh a’ cleach­dadh, neo marsanta bho bheil sibh a’ cean­nach? Gu dearbh tha iomadach neach an-di­ugh dha nach aithne ain­mean an cuid nàbaid­hean, agus nach bochd an suid­heachadh sin.

‘S ann air lei­thid cos­gais cumhachd, dealan agus gas, agus àrachas thaighean agus char­badan as trice a tha daoine gan glacadh le àr­dachaid­hean mì-reu­santa cos­gais, agus anns a’ bhithean­tas tha seo a’ tachairt ri linn dìlseachd dhan aon chom­panaidh bli­adhna às dèidh bli­adhna.

Gun teagamh tha ri­asladh ann a bhith a’ sireadh phrìsean ùra agus ‘s dòcha glu­asad gu seirb­heis nas saoire agus gu cin­nteach tha mòran bhuidhnean a’ gab­hail brath air an t-suid­heachadh sin. Far am b’ àb­haist luchd-cean­nach dìleas a bhith a’ fao­tainn nam prìsean as fheàrr, an-di­ugh tha cùisean tric an rathad eile agus bar­gain gan tairgsinn dha luchd-cean­nach ùra.

Cluin­n­ear tric mu fhead­hainn a tha a’ faicinn shanasan a tha a’ tairgsinn phrìsean nas fheàrr air lei­thid àrachas càr neo cùmh­nant fòn-làimhe na tha iad­san a’ fao­tainn bhon aon chom­panaidh an dèidh a bhith cuide ri­utha fad ùine. Mar sin ‘s e deagh chomhairle a th’ ann sùil a thoirt air na roghain­nean a tha ri an lorg ma choin­neimh sheirb­heisean de sheòrsa sam bith agus dearb­hadh fol­laiseach ann glè thric gur fhi­ach sin an t-saothair is caomh­nadh lu­achmhor ri bhuin­nig às.

One of my per­sonal res­o­lu­tions in 2019 is to make more ef­fort to check price op­tions for as many as pos­si­ble of the ser­vices which I must buy an­nu­ally.

This will be par­tic­u­larly true for things like house­hold en­ergy con­tracts and mo­tor in­sur­ance where the ‘best avail­able re­newal of­fers’ are fre­quently even more costly than what these com­pa­nies are of­fer­ing to new clients. Caveat emp­tor (let the buyer be­ware) is as rel­e­vant as it ever was, and for all pur­chases.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.