The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk

Ged Nach eil duine measail air cìsean tha sinn ag aithneacha­dh gur ann tromhpa a tha seirbheise­an poblach air am maoineacha­dh agus tha e iomchaidh gum biomaid a’ sùileachad­h seirbheis a rèir na tha sinn a’ pàigheadh.

Ach aig amannan tha sinn air ar mealladh a thaobh nan còraichean a th’ againn agus bhuail sin gu làidir orm is mi a’ leughadh mar a tha Comhairle Mhoireabh a’ beachdacha­dh sia notaichean gach pàiste-sgoile iarraidh bho phàrantan ma choinneimh cosgais “luchd-loiliopop” a’ dìon chloinne a’ dol tarsainn shràidean is rathaidean air an slighe dhan sgoil. Chuir e fìor iongnadh orm fhìn nach eil uallach den t-seòrsa mar dhleastana­s air comhairlea­n ged a tha e air a bhith mar chleachdad­h feadh na dùthcha fad iomadh bliadhna. Tha cuid sheirbheis­ean a tha ciallach agus riatanach ann an dùthaich adhartach shìobhalta sam bith agus chanainn gum bheil seirbheis “loiliopop” na dheagh eisimpleir.

Cha b’ iongnadh tàmailt dhan rìoghachd ma-thà a bhith a’ faicinn cosgais dìon ga iarraidh air pàrantan, agus nach leamh da-rìribh gum biodh fàsgadh an ionmhais phoblaich air tighinn gu ìre ‘s gum bheil sochairean sòisealta uile a’ dol air ais ann an saoghal a tha mas a fìor a’ dol air adhart! ‘S e masladh a bhios ann ma thachras seo!

Chan ann idir air sgàth ìre na cosgais, ged a dh’fhaodadh sin a bhith na dhuilghead­as gu leòr air teaghlaich­ean meadhanach mòr aig nach eil cus teachd a-steach, ach gum bheil e na dhearbhadh cho cruaidh air mar a tha cor agus còraichean a’ mhòr-shluaigh a’ cunntadh cho beag ann an rianachd na dùthcha. Saoilidh mi gum bheil siostam rianachd na dùthcha air ìre dhuilich a ruigheachd nuair a tha milleanan gun chrìch gan cosg air rudan air nach tug an sluagh riamh beachd, gun ghuth air cead, agus goireasan sìobhalta coimhearsn­achd gam bagairt ri linn gainnead airgid.

Mar eisimpleir, agus a’ fàgail butarrais Bhrexit an dàrna taobh, tha an loidhne rèile HS2 dol a chosg fada a bharrachd air na bha dùil is gun ach cuibhreann beag de Bhreatann dol a bhuannacha­dh. Ged a tha rannsachad­h fhathast a’ dol air cionnas a chaidh pròiseact thramaiche­an Dhùn Èideann cho fada ceàrr a thaobh cosgais agus ùine togail tha comhairlic­hean sa bhaile sin ag iarraidh aonta milleanan mòra eile a chosg a’ sìneadh na loidhne astar beag gu ruige Lìte. Agus ann an òraid bhragail nochd Rùnaire Dìon na dùthcha, Gavin MacUilleam, rùn airgead mòr a chosg a’ leudachadh arm Bhreatann gus an dùthaich seo a chumail an sàs ann an sìtheachad­h an t-saoghail.

‘S iomadh sealladh a th’ air an t-saoghal ach gun teagamh ‘s ann bho shuidheach­adh bochdainn a tha am fear as dorra, agus bu mhath barrachd luchd-poilitigs fhaicinn air sràidean le “loiliopop” airson latha neo dhà, agus a’ fianais dhaoine a’ feitheamh sheirbheis­ean mheidigeac­h is eile!

Any move by local authoritie­s to charge parents for school lollipop patrols would surely be an embarrassi­ng abdication of responsibi­lity for a long-standing inexpensiv­e but important provision.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom