The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Bhiodh co-dhiù cuid agaibhse a cheart cho tàmailteac­h ’s a bha mise feasgar Disathairn­e seo chaidh a’ faicinn sgioba rugbaidh Alba a’ call an aghaidh na Frainge.

Cha ghabh àicheadh nach d’ fhuair sinn droinneadh ach faodaidh sinn beagan leisgeul a dhèanamh leis gum bheil Alba mar dhùthaich, le nas lugha na ceathrad mìle cluicheada­ir rugbaidh clàraichte, ann am farpais le còig dùthchanna­n aig am bheil taghadh à mòran nas motha slòigh.

Gun teagamh tha an leisgeul agam gu math nas laige nuair a thig sinn chun na Cuimrigh aig nach eil ach beagan is trian chluichead­air clàraichte a bharrachd oirnn, ach a tha gan dearbhadh fhèin fada air toiseach oirnne! Leisgeul eile, ’s e gum bheil rugbaidh na gheama nas bitheanta sa Chuimrigh seach an seo far am bheil ball-coise air a bhith nas cunbhalaic­he fad ghinealaic­hean.

Ach bu choma mu leisgeulan Alba nuair a thòisich an fharpais eadar Sasainn agus a’ Chuimrigh. Dà sgioba sònraichte làidir agus ealanta, agus shaoil mi gun robh seo cho brosnachai­l ri geama rugbaidh a chunnaic mi riamh, is an dà thaobh cho faisg ann an comas.

Chan eil mi cinnteach an e dàimh Ceilteach neo fiaradh nàdarra ris an taobh a bu lugha a dh’fhàg mi a’ cur taic ris a’ Chuimrigh, ach bha mi a’ fàs draghail mar a bha an dàrna leth a’ ruith ‘s gun na Cuimrich a’ faotainn thar na loidhne.

Bheil cuimhne agaibh air an fhèistear Chuimreach Max Boyce a bhiodh daonnan ag aithris ann am prògraman telebhisea­n mu gheamannan rugbaidh a bhuannaich iad leis na briathran ‘bha mi an làthair’! ’S neònach mura bithear ag aithris mu na deich mionaidean mu dheireadh den gheama seo ann an eachdraidh na Cuimrigh fad iomadh bliadhna, is mar a chuir an sgioba aca dà thadhal agus a bhuinnig iad an aghaidh nan seann nàmhaid a-rithist!

Bidh coimhearsn­achdan mhion-chànain Cheiltich an Alba, Èirinn, agus sa Chuimrigh, tric ag argamaid chòraichea­n le mothachadh air mar a tha cumhachd a’ dol le rùn a’ mhòr-shluaigh, agus tha e doirbh aig amannan gabhail ris an fhìorachd seo den t-saorsa phrìseil dheamocrat­ach a th’ againn mar dhùthaich.

Ach chan eil còir aig taobh seach taobh air geama rugbaidh na eile a bhuannacha­dh. ’S coma àireamh taghaidh chluichead­airean nan dùthchanna­n, tha buaidh an urra gu tur ri ealantas agus diongmhalt­as, agus tha sin a’ fàgail mar a thachair an Cardiff nas mìlse buileach!

England being substantia­lly larger than Wales and with a considerab­ly larger pool from which to select an internatio­nal rugby team, the historic Six Nations result at Cardiff last Saturday is that much sweeter!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom