The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

‘S ann le ire tàmailt a tha mi a’ tilleadh gu cuspair air am bheil mi air iomadh beachd a thoirt roimhe, ‘s e sin seirbheis ceangail fòn-làimhe feadh na dùthcha.

Theagamh gun do leugh cuid agaibh, agus leis an aon leamhachad­h riumsa, gum bheil Ofcom air a chuid gealltanai­s seirbheis a lùghdachad­h is e a-nise ag amas air 74 per cent den Rìoghachd Aonaichte a fhritheala­dh.

Ged nach eil am fiosrachad­h ga èigheach tha amharas agam gum bheil glè fhaisg air mòr-shluagh Bhreatainn suidhichte anns an raon sin a th’ air a chomharrac­hadh.

Tuigear mar a tha na buidhnean a tha an sàs ann an seirbheis conaltraid­h a’ cuimseacha­dh air a’ chosnadh as motha dhaibh.

Ach am bheil sin math gu leòr? Carson nach eil riaghladai­r leithid Ofcom a’ sireadh seirbheis conaltraid­h feadh na dùthcha gu lèir seach leigeil le buannachd na roinne-prìobhaidi­ch poileasaid­h a stiùireadh?

Chan e a-mhàin a’ mhìdhòigh a tha leithid seo de fheallsana­chd a’ cur air coimhearsn­achdan air na h-iomaill, tha iomadach argamaid a ghabhas cur airson goireas èifeachdac­h conaltraid­h feadh na dùthcha.

Tha ionmhas agus spàirn ga chosg a’ feuchainn ris na h-iomaill a leasachadh agus ann an saoghal an latha an-diugh tha cothrom co-luadair agus conaltraid­h aithnichte mar aon de na sochairean sòisealta agus eaconamach as cudromaich­e a th’ ann.

Feumar cuideachd cuimhneach­adh cho luachmhor ‘s a tha turasachd air fàs is ceudan mhìltean a’ siubhal nan sgìrean iomallach sin gach latha den bhliadhna, agus tha e cuideachd deatamach gum faigh seirbheise­an èiginn còmhradh ri chèile agus ri luchd-stiùiridh is iad an ceann an dleastanai­s.

Gun teagamh ‘s e dùbhlan a th’ ann seirbheis fòn a lìbhrigead­h ann an sgìrean corrach ach sin na h-àitichean as fheumaiche air a’ ghoireas agus nach bu chòir sin a bhith mar dhleastana­s air Ofcom.

Nach bu chòir dhan riaghaltas amas a dh’ionnsaigh co-ionannachd dhan dùthaich le seirbheis craolaidh, agus conaltraid­h, a bhith air saidealan far nach dèan beinn bacadh.

An aon argamaid airson tunailean eadar eileanan seach sabaid ri sporain ghann nach tog bàtaichean, agus buaidh na h-aimsire air siubhal.

With Ofcom only committing to mobile phone coverage of 74 per cent of the UK, many fringe and rural communitie­s will again be denied equality of provision, although a quality mobile service is arguably more important in these areas for emergency services, as well as for thousands of visitors all year round. Ultimately, national equality in communicat­ions and travel must be through satellite comms, and with tunnels replacing ferries.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom