The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Tha e na iongnadh leam nach eil dad a chuimhne agam càite an robh mi na dè bha mi dèanamh caogad bliadhna air ais bho Dhisathair­ne seo chaidh, nuair a ghabh mac an duine a’ chiad cheum air aghaidh na gealaich. Ach abair tachartas eachdraidh­eil, agus gun teagamh sam bith bha e gu tur iomchaidh gun robhas a’ comharrach­adh na caogad ceann-bliadhna air an deireadh seachdain a chaidh. Bidh mi tric a’ cuimhneach­adh air sgeul a dh’innis mo charaid Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallac­h nach maireann dhomh mun latha sin. Bha e fhèin ‘s a bhean air saor-làithean an Uibhist agus às aonais telebhisea­n san taigh san robh iad a’ fuireach, chaidh iad gu taigh nàbaidh gus na seallaidhe­an iongantach fhaicinn. Shuidh Dòmhnall Eàirdsidh air gàirdean na cathrach anns an robh seanmhair an teaghlaich ri taobh an teine. Nuair a labhair Armstrong na faclan ainmeil mun cheum mhòr dhan chinne-daonna thionndaid­h Dòmhnall chun tè a bha còrr air naochad agus thuirt e rithe gur iongantach na bha i air fhaicinn na beatha. “Na can rium,” fhreagair a’ chailleach, “gum bheil fear a fhuair foghlam mar thusa a’ creidsinn na tha thu a’ faicinn air a’ bhogsa sin!” Thuirt Dòmhnall gun do thòisich e air beachdacha­dh air a’ chomas a bh’ aig teicneòlas air an car a thoirt às a’ mhòr-shluagh.

Caogad bliadhna air adhart tha comas an teicneòlai­s sin aig ìre a bhiodh do-chreidsinn­each an uairsin, agus dearbhaidh e nach b’ e breug a bh’ anns na chunnacas air an latha ud ann an 1969. Thug uallaichea­n eile aire air falbh bho shiubhal fànais thar nam bliadhnaic­hean ach chan iongnadh sam bith gum bheil an ceann-bliadhna sònraichte seo air miann a dhùsgadh chun an ath cheum. ‘S e sin, a rèir choltais, ionad a thogail air a’ ghealaich agus an uair a bhios sin stèidhicht­e gun tèid amas air turus bhon ghealaich gu ruige Mars! Tha eòlaichean a’ fàidheadai­reachd gun tachair ionad na gealaich taobh a-staigh deich bliadhna agus gum faodadh turas Mhars leantainn ann an ùine nach biodh fada bho sin.

Ann an dà mhìle seasgad ‘s a naodh nuair a bhios an saoghal a’ comharrach­adh ceud bliadhna bho sheas daoine air a’ ghealaich airson a’ chiad turas, saoil dè na h-atharraich­ean eile bhios air tachairt. Mar eisimpleir dè an ìre neart a bhios aig a’ Ghàidhlig, neo am bi i idir ann mar chànan coimhearsn­achd? Bidh òigridh an latha an-diugh a’ beachdacha­dh air an dìleab a tha iadsan gu bhith fàgail aig an ath ghinealach, agus theagamh a’ smaoineach­adh air na dh’fhàg sinne acasan. Nach bu mhath gum biodh iad moiteil à dualchas thuca, agus bhuapa!

What sort of world will exist when the centenary of man’s first walk on the moon will be marked in 2069? Assuming world leaders have managed to avoid war, today’s youth might be contemplat­ing the cultural legacy they inherited from us and what they will bequeath to the next generation. Let’s hope we will have earned their admiration!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom