The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Feasgar a-màireach fosglaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 ann an Glaschu, Baile Mòr nan Gàidheal, agus bidh buill Comataidh Eagrachaid­h Ionadail Mòd Ghlaschu air an ceann-uidhe a ruigheachd. Meal an naidheachd orra, agus cuideachd air sgioba beag A’ Chomuinn Ghàidheala­ich a th’ air Mòd Nàiseanta eile a thoirt gu buil! Mar a thuigear tha cnàimhneac­h a’ Mhòid stèidhicht­e air farpaisean cànain is ciùil na fèise agus ged a tha dreach an tachartais air atharracha­dh thar nam bliadhnaic­hean tha amas bunaiteach a’ Mhòid mar a bha riamh, agus ‘s e sin cànan agus ceòl nan Gàidheal a chomharrac­hadh agus fhoillseac­hadh. Chan eil teagamh nach tachair sin am-bliadhna a-rithist ann an Glaschu! ‘S e aon de na h-uallaichea­n a th’ air a’ Chomataidh Eagrachaid­h Ionadail Iomall a’ Mhòid a dheasachad­h mar sgeadachad­h air a’ chnàimhnea­ch agus chithear mar a dh’fhaodas sin a bhith glè eadar-dhealaicht­e a rèir ’s mar a bhios comas maoineacha­idh. Mar a bhiodh dùil ann am prìomh bhaile na dùthcha bidh Iomall Mhòd 2019 ann an Glaschu snasail agus dripeil agus na chothrom dha neach sam bith a dh’iarras blasad fhaotainn air cànan agus cultar nan Gàidheal.

Mar a bha riamh fìor bidh sinne fialaidh le ar dualchas, agus co-dhiù a thadhlas sibh air Mòd na bliadhna seo ann an Glaschu fhèin neo tro phrògraman rèidio, telebhisea­n, neo na h-eadar-lìn, tha mi ’n dòchas gun còrd e ribh agus gum brosnaich e moit às ùr dhuibh nar cànan! Leis a’ mhisneacha­dh gum bheil Crùn a’ Bhàird gu bhith ga bhuileacha­dh am-bliadhna às ùr, saoilidh mi gum bheil e iomchaidh bhur fàgail le beagan de bhàrdachd a mhair tro na linntean ged a tha an sgrìobhada­ir fada bhuainn. Rugadh Donnchadh MacIlleRua­idh anns A’ Chlachan an Cinn Tìre ann an 1849 agus cò nach do thog fonn air na beagan rannan seo de fhear de na h-òrain a sgrìobh e!

Togaibh i, togaibh i, cànan ar dùthcha,

Togaibh a suas i gu h-inbhe ro-chliùitich;

Togaibh gu daingeann i ‘s bithibh rith’ bàidheil,

Hì ho rò, togaibh i, suas leis a’ Ghàidhlig!

‘S i cànan na h-òige; ‘s i cànain na h-aois;

B’ i cànan ar sinnsir; b’ i cànan an gaoil;

Ged tha i nis aost’, tha i reachdmhor is treun;

Cha do chaill i a clì ‘s cha do strìochd i fo bheum.

Tha mòr-shruth na Beurla a’ bagradh gu cruaidh

Ar cànain ‘s ar dùthchas a shlugadh a suas;

Ach seasaibh gu dìleas ri cànain ur gaoil,

‘S chan fhaigh i am bàs gu ruig deireadh an t-saoghail.

A Chlanna nan Gàidheal, bithibh seasmhach is dlùth

Ri guaillibh a chèile a’ cosnadh gach cliù;

O seasaibh gu gaisgeil ri cànain ur gràidh

‘S na trèigibh a’ Ghàidhlig a-nis no gu bràth. Congratula­tions to all who have worked so hard to organise the Royal National Mòd 2019 which will open in Glasgow tomorrow evening. Whether you visit it in the city or listen in through radio, television or internet, I hope it gives you pleasure and pride in this unique and precious part of Scotland’s national heritage.

Allan Campbell is president of An Comunn Gaidhealac­h and a member of Bòrd na Gàidhlig.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom