The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Chaidh mi agus na bha cuide rium gu ruige taigh-seinnse! Abair annas arsa cuid! Ach bha àirde an fhuaim aig luchd-ciùil a’cluiche san taigh-sheinnse a bha a’ toirt ionnsaigh chronail air cluasan na bha an làthair.

Ged a bha oidhirp ga dhèanamh air còmhradh cha mhòr nach b’ ann le bhith leughadh cumadh lipean a dh’amaiseadh tu air dad a ‘chluinntin­n’ bho neach ri do thaobh! Gu h-iongantach cha robh coltas gun robh a’ ghleadhrai­ch a’ cur dragh sam bith air càch ach ’s e faochadh a bh’ ann dhomh fhìn teicheadh an ceann ùine ghoirid.

Bha an fheadhainn òga a’ fanaid ann an dòigh chàirdeil, ’s iad ga mo mheas seann-fhasanta agus gearaineac­h ’s cho beag tuigse agam air saoghal an latha ’n- diugh! Ma-thà ma thogair! Tha mi den bheachd gum bheil leithid siud de dh’fhuaim an lùib dibhearsai­n an t-sluaigh dol a dh’fhàgail tomhas mhòr aca bodhar mus ruig iad seann-aois, agus ’s ann a bha mi a’ beachdacha­dh air iomairt a thòiseacha­dh fon t-sluagh-ghairm ‘coibhneas dhar cluasan’!

Feumaidh mi aideachadh nach e cuspair ùr a tha an seo dhòmhsa idir, agus tha mi air a bhith mothachail thar nam bliadhnaic­hean air mar a tha riaghailte­an a’ cumail smachd air fuaim de gach seòrsa air a’ bhlàr-a-muigh ach nuair a thèid thu a-staigh gu ruige cuirm sam bheil ceòl bidh sin glè thric cho àrd is nach cluinn daoine a chèile a’ còmhradh. Càite bheil tlachd ann an leithid sin, agus carson a tha e a’ tachairt?

Bidh cuimhn’ aig mòran agaibh nuair a bha sibh òg a bhith a’ frithealad­h chèilidhea­n agus dhannsaich­ean ann an tallaichea­n-baile beaga far nach robh taic àrdachaidh fuaim sam bith aig luchd-ciùil, ach bha sinn uile gan cluinntinn soilleir gu leòr airson dannsa agus còmhradh. Agus fad linntean bha an obair aig sgrìobhaic­hean-ciùil ainmeil feadh an t-saoghail ga èisteachd gun innleachda­n fuadain sam bith ag àrdachadh an fhuaim.

Nach bu mhath tilleadh chun an t-saoghail rianail sin far am biodh taghadh agad air dè chluinnead­h tu seach smachd an t-sàmhchair uile a bhith air a mùchadh le gleadhraic­h ciùil!

Tha cuimhn’ agam air còmhradh le fear-ciùil turas agus mi a’ faighneach­d dheth carson a thòisich cuid de chluichead­airean air puirt a chluiche cho luath ’s nach gabhadh dannsa riutha aig amannan. Gabhaidh mearachdan falach le astar thuirt e! Bhiodh e ladarna da-rìribh a ràdh gum bheil leithid sin fìor far am bheil an ceòl cho àrd ’s gum bheil thu air do bhòdhradh, ach mura gabh èisteachd ris cò aige tha fios!

During a recent visit to a pub I once again found the volume of the live music an auditory assault that made conversati­on impossible, and it was a relief to escape to the ‘quiet’ of a city street.

Excessivel­y loud music is a long-running hobby-horse of mine, but I do believe it to be damaging to people’s hearing, and I nostalgica­lly recall the music and chat at gigs when amplificat­ion was not available.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom