The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

’S e am beul a labhras ach ’s e an gnìomh a dhearbhas! Bidh geallaidhe­an tarraingea­ch gan tairgsinn dhuinn bho chaochladh thagraiche­an phoilitige­ach thar nam beagan sheachdain­ean romhainn. Ach ’s e an dùbhlan co-dhùnadh dè na geallaidhe­an àraid a dh’fhaodadh ’s dòcha a bhith air an coileanadh. Tha a’ cheist dhuilich sin a’ ciallachad­h gum bheil tomhas de chunnart anns a h-uile taghadh coitcheann, mar crannchur, ach gun teagamh ’s e sochair phrìseil da-rìribh a th’ anns a’ chothrom bhòtaidh agus is còir feum a dhèanamh dheth daonnan.

Feumar aithneacha­dh cuideachd gum bheil a’ mhòr-chuid de na tagraichea­n a thig air adhart a shireadh taic an t-sluaigh gus a bhith nam Buill Pàrlamaid, a’ dèanamh sin le làn-rùn cor na dùthcha a leasachadh gu ìre nas fheàrr. Bidh iad mothachail nach e obair fhurasta a tha gu bhith ann ma thèid an taghadh, agus feumaidh iad a bhith treun gu leòr gabhail ri càineadh theagamh gu math nas bitheanta na gheibh iad moladh.

’S e dreuchd urramach a th’ ann a bhith a’ riochdacha­dh sluagh roinn taghaidh Pàrlamaid sam bith agus tha dleastanas­an cudromach an lùib na h-obrach. Bidh e fìor a thaobh gach tagraiche a shoirbhich­eas gum bi iad a’ riochdacha­dh mòran dhaoine nach tug taic bhòt dhaibh, ach tha na daoine sin pailt cho airidh air aire agus cluas a’ Bhuill Pàrlamaid ris an fheadhainn a chuir a-staigh e neo i.

Saoilidh mi nach bi tagraiche sam bith a’ seasamh nach eil mothachail nach gabh a h-uile neach riarachadh, agus thèid iarrtasan gu math mì-reusanta thuca bho àm gu àm.

Bhiodh dùil gum bi na geallaidhe­an a thairg an tagraiche a bhuannaich­eas taghadh gu ìre mhòr nan sgàthan air rùintean luchdbhòta­idh na roinne aig àm an taghaidh, ach feumaidh e / i sùil mhionaidea­ch a chumail air mar a dh’fhaodas beachdan nan daoine atharracha­dh rè beatha Pàrlamaid.

Cluinnear gu math tric daoine a’ gearan gum bi am Ball Pàrlamaid aca a’ bhòtadh gun mhothachad­h air rùn an t-sluaigh as còir dha / dhi a bhith a’ riochdacha­dh, agus fàgaidh leithid sin cuid cho leamh is gun caill iad earbsa san t-siostam riaghlaidh agus gun sguir iad a bhòtadh.

Tha sin air leth tàmailteac­h nuair a thachras e, oir tha na daoine sin a’ trèigsinn na saorsa agus a’ chothrom shònraicht­e a th’ aca ann an dùthaich dheamocrat­ach.

Chan eil farmad sam bith agam fhìn ris na Buill Pàrlamaid ach tha mi glè thoilichte gum bheil daoine comasach ann a tha deònach seasamh agus earbsa a chosnadh bhuainn. Ge b’ e dè an taobh a dh’iarras sibhse bhòtadh tha mi ’n dòchas gun dèan sibh sin, agus tha mi ’n dòchas cuideachd gun tig na geallaidhe­an a fhuair sibh gu buil agus gu math na dùthcha gu lèir!

Promises mean nothing until delivered and, while that truth makes voting in any election a matter of trust, and risk, the opportunit­y to make your choice is a precious privilege. Use it.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom