Beachd Ailein
Le ùpraid Taghaidh Choitchinn seachad bidh cuid a’ cur fàilte air “tiodhlac Nollaige” tràth ann an riochd Pàrlamaid ùr, agus bidh mòran a bharrachd an dòchas fois bhon deasbad is argamaid a thaobh cheanglaichean na Rìoghachd Aonaichte ris an Aonadh Eòrpaich. ‘S e ùine a dh’innseas ciamar a thèid dhan Riaghaltas ùr ach tha amharas agam nach tèid Brexit à sealladh cho luath ‘s a dh’iarramaid idir, agus cha mhotha na sin buaidh an dealachaidh air ar beatha làitheil. Tha biurocrasaidh na h-Eòrpa frionasach, agus aig amannan na thrioblaid, ach ’s e mo bheachd phearsanta gun do bhuannaich sinn bhon cheangal, agus bhòt mise gum fuiricheamaid nar ball den aonadh.
Ged nach biodh ann de dh’fhianais ach an caiteachas calpa a ghabh àite air feadh na Gàidhealtachd is nan Eileanan thar nam bliadhnaichean, is nach robh air tachairt mura b’ e ionmhas Eòrpach, dh’fheumte aideachadh gun d’rinn sinne glè mhath às an t-suidheachadh. Fhuair sinn geallaidhean bho chuid de phàrtaidhean ron taghadh gun cuireadh iad ionmhas mòr ùr an sàs ann an leasachaidhean poblach, a’ cruthachadh chosnaidhean agus spionnadh misneachail dhan mhòr-shluagh. ‘S e ùine a dhearbhas sin, agus ma tha co-dhiù cuid den leithid de dh’adhartas gu bhith an urra ri cuimseachadh ùr ann am foghlam is trèanadh òigridh, bheir e bliadhnaichean mòra mu faicear adhartas. Dìreach ron taghadh thog ceannard aon phàrtaidh poilitigeach moladh gum bu chòir an lagh atharrachadh gus am faodte tagraiche poilitigeach sam bith a chleachd fiosrachadh a ghabhadh dearbhadh mar bhreug, a dhìteadh.
Abair beachd inntinneach! Ach ma dh’fhaodas mi beagan dìon a dhèanamh air luchd nam poilitigs an seo, dh’fheumte aideachadh gum faodadh tagraiche amasan a shùileachadh ann an da-rìribh ach nach tachradh airson adhbharan air nach robh smachd aige mar Bhall Pàrlamaid. Bhiodh suidheachadh den t-seòrsa sin a’ togail ceist a thaobh dè an t-eadardhealachadh a tha eadar geall briste agus breug. ‘S dòcha gur e am freagairt as fhasa gum bheil geall ga thoirt le amas coileanaidh, agus breug le amas meallaidh! ‘S e an dùbhlan dearbhadh fhaotainn air dè bha san amharc aig an neach a thug an gealladh.
Seachdain Disathairne seo chaidh bha mi aig cuirm dhuaisean cheòl-dùthchail Alba, Na Trads, ann an Obair Dheathain. B’ e seo a’ chiad turas agam aig an tachartas bhliadhnail seo agus bha e tlachdmhor uimhir de luchd-ciùil is ealain fhaicinn a’ faotainn aithne uachdarachd bhon co-obraichean anns a’ ghnìomhachas chudromach seo. Am measg nan duaisean sin bha moladh agus aithne dha feadhainn a thug bliadhnaichean ag obair dha raointean àraid gu saor-thoileach, leithid foillseachadh inbhe na Gàidhlig. Gum meal Anna Souter, à Inbhir Nis agus Barraigh, a naidheachd air duais Bhòrd na Gàidhlig fhaotainn airson faisg air dà fhichead bliadhna de leithid sin de shaothair!