The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Bliadhna mhath ùr dhuibh agus mòran dhiubh! Nach bu mhath gum b’ e bliadhna bhiodh an seo a bheireadh sòlas agus soirbheach­adh dhuinn air fad ach ged a tha e nàdarra a bhith dòchasach a thaobh leithid sin, aig an aon àm tha eòlas beatha gar rabhadh nach seachain sinn dùbhlain a bhios aig amannan do-dhèanta. Ach tha fios againn cuideachd nach eil cron ann a bhith ag amas air cinn-uidhe àraid agus gu dearbh mur eil sinn a’ cuimseacha­dh air an leithid sin nach eil uimhir a dhòchas air adhartas a choileanad­h. Mar bu dual bidh daoine a’ cur iarrtasan pearsanta de gach seòrsa romhpa fhèin leithid call cuideam agus leasachaid­hean caitheamh-beatha, agus bidh sin feumail dhan fheadhainn againn aig am bheil de smachd orra fhèin ‘s gun tèid aca air cumail rin amasan. Ach tha eachdraidh iomadh dachaigh ag innse gum bheil an dùbhlan a bhith a’ cumail ri amasan den t-seòrsa seo ro dhoirbh dha mòran againn, ach ’s math gum bheil a’ mhisneachd againn a bhith a’ tilleadh thuca bliadhna an dèidh bliadhna! Fhad ’s a mhaireas an cothrom tha fhios gum mair dòchas gun ruig sinn ceann-uidhe a mhiannaich­eamaid uaireigin. Ach tha rudan co-cheangailt­e ri cor na dùthcha is an t-saoghail a dh’iarramaid ‘s dòcha fhaicinn a’ tachairt cuideachd, agus dè chuireadh sibhse air an liosta sin?

Theagamh gur e fear de na ciad iarrtasan a bhios aig mòran ‘s e gun tig sìoladh ann an ùpraid phoilitigs na dùthcha agus gun lìbhrig an Riaghaltas ùr na chaidh a ghealltain­n anns an t-suirghe a ghabh àite ron taghadh choitchean­n. Mar eisimpleir bidh beòshlaint chroiteara­n is thuathanai­ch an crochadh gu mòr air na geallaidhe­an taice a tha dol a ghabhail àite ionmhas Eòrpach an dèidh dealachadh Bhreatainn bhon Aonadh Eòrpach, rud nach eil a-nise ach seachdaine­an air falbh. Agus am faigh gnìomhacha­s an iasgaich againn na buannachda­n ris an robh e an dùil mar thoradh air an dealachadh? Chan eil brìgh cùmhnant an dealachaid­h sin fhathast cinnteach agus ri linn sin chan iongnadh iomagain a bhith air mòran a thaobh na buaidhe a dh’fhaodadh a bhith air tèaraintea­chd an cuid chosnaidhe­an. Leis an sgaradh bheachd phoilitige­ach eadar cinn a deas is tuath Bhreatainn a thaobh na Rìoghachd Aonaichte fhèin, dè tha an dàn a thaobh reifreann eile air neo-eisimeilea­chd dha Alba? Am faodadh sin tachairt, agus am faodadh Alba fhathast tilleadh dhan Aonadh Eòrpach mar bhall ùr? Ceistean toinnte! Ach aon rud air an cuireamaid uile meas saoilidh mi, ’s e bhith a’ faicinn luchd-poilitigs a’ co-obrachadh gus math sluagh, sheirbheis­ean, agus eaconamaid­h na dùthcha seach a bhith a’ cur seachad am beatha a’ glamhadh a chèile gun sgur ’s gun èifeachd do dhuine sam bith!

I wish you all a happy and prosperous New Year! Unquestion­ably 2020 brings many challenges but we must hope that our post-Brexit economy and employment remains buoyant, and that our new government’s policies will recognise and respect diversity of political opinion!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom