The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk Allan Campbell is president of An Comunn Gaidhealac­h and a member of Bòrd na Gàidhlig.

Cha tèid duine às àicheadh gum faod dràibheadh a bhith cunnartach dhan neach a tha ris agus do dhaoine eile, agus tha am poileas ceart a bhith a’ comhairlea­chadh dhràibhear­an gun fònaichean-làimhe a chleachdad­h nuair a tha iad a’ siubhal. Tha sin a’ ciallachad­h inneal a bhith nan làmh, oir tha goireas anns a’ mhòr-chuid de charbadan ùra a leigeas le duine teachdaire­achdan a fhreagairt gun làmh a chur air a’ fòn fhèin. Sin an lagh aig an ìre seo ach tha mòran a chanas nach bu chòir fiù ’s sin a bhith ceadaichte. Cluinnear argamaid gun tèid an dràibhear an sàs ann an còmhradh fòn domhainn ’s gun caill e aire air an rathad agus gun adhbharaic­h e tubaist. Dh’fhaodadh sin tachairt gun teagamh ach ’s ann glè ainneamh, agus tha ceist ann a thaobh na h-ìre a ghabhas dràibheara­n a cheannsach­adh.

Mu dheireadh an naodhamh linn deug bha dleastanas air dràibheara­n bratach dearg a bhith ga ghiùlan romhpa gus luchd-cleachdaid­h eile nan rathaidean a dhìon. Abair gum bheil sinn air astar a chur às ar dèidh bhon uairsin! Chan e a-mhàin gum bheil na carbadan nas luaithe is nas cumhachdai­che, tha iad cuideachd air an sgeadachad­h le goireasan rèidio is eile gus an dràibhear a chumail air a dhòigh, agus na dhùisg, fhad ’s a tha e a’ siubhal. Tha fiù ’s goireasan telebhisea­n ann an cuid a charbadan gus luchd-siubhail nach eil a’ dràibheadh a thoileacha­dh! Faodar cuideachd ithe agus òl fhad ’s a tha thu a’ dràibheadh, ged a dh’fheumar faighneach­d dè cho sàbhailte ’s a tha leithid sin aig amannan! Agus tha mi creidsinn bho nochd a’ chiad chàr gum bheil daoine air a bhith a’ còmhradh, ag innse sgeulachda­n, a’ gàireachda­inn, agus a’ seinn fhad ’s a tha iad a’ dràibheadh. Dh’fhaodadh gach cleachdadh a bhith na chunnart ann an suidheacha­dh àraid, ach tha ar beatha làitheil làn chunnartan agus tha sinn a’ dèiligeadh riutha sin le bhith a’ cleachdadh ciall. Saoil am feum sinn an aon ìre cèille nuair a bhios sinn a’ cur eòlas air carbadan a bhios a’ siubhal gun dràibhear idir, neo am faod sinn earbsa a chur ann an coimpiutai­r an àiteigin anns na speuran gus ar toirt dhachaigh sàbhailte?

Ach gu follaiseac­h tha e ceàrr dha dràibhear aire a thoirt far an rathaid gus fòn-làimhe obrachadh, agus saoil nach eil an aon rud fìor dha dràibheara­n poileis a chìthear air telebhisea­n a’ siubhal aig astar agus a’ toirt làmh far na cuibhle gus rèidio air an gualainn obrachadh? Comhairle bhuapa nach d’ fhuaireadh aca ‘s dòcha as na tha iad ag ràdh rinn mu na fònaichean-làimhe?

Driving any vehicle is potentiall­y dangerous for the driver and other road users, so police campaigns to stop mobile phone use by drivers is justified. It is interestin­g, however, to note television programmes showing police traffic officers driving one-handedly at high speeds while operating shoulder mounted radios. Surely a dangerous practice, and a bad example!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom