The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

‘Innis dhòmhsa cài’l thu cadal, cài’l thu cadal, cài’l thu cadal...”

’S dòcha gur e mothachadh gum bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ teannadh a dh’fhàg faclan a’ phuirt ud a’ tighinn gum inntinn air mo thuras tron Eilean Sgitheanac­h Disathairn­e seo chaidh, is truimead trafaig sròn ri earball cha mhòr a’ toirt tuaineal orm! Tha e doirbh a thuigsinn gu dearbh càite am faigh na mìltean a tha a’ tadhal air an Eilean àite-fuirich agus ’s dòcha nach beag an t-iongnadh a bhith a’ faicinn theantaich­ean thall ’s a-bhos, a bharrachd air na bhanaichea­n campachaid­h a th’ air fàs cho lìonmhor bho chionn beagan bhliadhnai­chean a-nise. Chan eil dad as taitniche dhan neach a tha ri margaideac­hd na bhith a’ faicinn an t-sluaigh a’ gabhail aire agus miann dha na tha ga reic, ach ’s e fìor dhùbhlan a th’ ann nuair a shoirbhich­eas cùisean chun na h-ìre ’s gum bheil an t-iarratas a’ fàs ro mhòr. Sin mar a th’ air tachairt, ann am beachd chuid de luchd-còmhnaidh na sgìre, a thaobh slighe an NC500 eadar taobhan an iar, tuath, agus ear na Gàidhealta­chd. ’S e an duilgheada­s nach gabh smachd cur air àireamhan nan daoine a thig aon uair ’s gum bheil iad air an glacadh leis an t-sanasachd. A rèir coltais chan eil cosgais àitean-fuirich gan cumail air falbh, oir mar a chuala mi fear-naidheachd ag ràdh air telebhisea­n bha e air rannsachad­h a dhèanamh a sheall gum faighte cha mhòr seachdain ann an leithid Malta air na chosgadh aon oidhche ann an taigh-òsta ann am Port Rìgh! Chan eil na h-òrain aig Màiri Mhòr fada bhom inntinn aig àm sam bith, agus tha mi uasal à Fèisean nan Gàidheal airson na h-aithne a tha ga thoirt dhan bhana-bhàrd chumhachda­ch seo ann am Fèis Blas na bliadhna. Bha dà cheud bliadhna sa Mhàrt seo chaidh bho rugadh Màiri ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanac­h, agus sgrìobh i an t-uabhas bàrdachd agus òrain a chluinnear bitheanta fhathast is mòran dhiubh sin mu eilean a h-àraich.

Leis gun robh Màiri beò nuair a bha strì an fhearainn air Ghàidhealt­achd aig àirde, agus le ùidh mhòr aice anns na bha a’ tachairt agus i taiceil dha cor nan croitearan, chan iongnadh sin a bhith follaiseac­h tric na cuid bàrdachd. Theagamh gum bi daoine ann a bhios den bheachd nach eil cuid de bhriathran bàrdachd Mhàiri, ann an leithid “Eilean a’ Cheò”, iomchaidh ann am modh-giùlain an latha an-diugh, ach chan aithne dhomh gun do chuir sin riamh bacadh air na h-òrain a bhith gan seinn agus bidh fiughair orm cuid aca sin a chluinntin­n aig Blas.

Dè shaoileadh leithid Màiri Mhòr den Eilean Sgitheanac­h an-diugh, agus gu sònraichte mu na bheil de luchd-turais ga ruigheachd is ga shiubhal! Gu cinnteach bhiodh beachd na bana-bhàird a’ nochdadh ann an dàn neo aoir bhiorach neo dhà, agus theagamh gur math dhan ghnìomhach­as nach eil sùil gheur Nighean Iain Bhàin air!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom