Beachd Ailein
Toiseach sgaoileadh banachdach a’ chorònabhìorais, is mòran a’ togail theagamhan mu a shàbhailteachd, bha mi a’ faighneachd ceist an seo a thaobh am bu chòir dha bhith do-sheachanta a rèir an lagha leithid banachdach Covid 19 a ghabhail. Mar a bhiodh dùil ann an dùthaich sam bheil saorsa dheamocrataigeach cho prìseil bhiodh leithid de lagh stèidhichte air argamaid gum bheil an dìth dìon aig feadhainn nach eil a’ gabhail banachdach Covid na chunnart do dhaoine eile. Ged a bhiodh cead aca dìon a dhiùltadh dhaibh fhèin, bhiodh lagh den t-seòrsa air a bhonntachadh air creideas nach eil cead aca daoine eile a chur an cunnart tro ghànrachadh galair. Chan iongnadh sam bith nach cualas dad mu leithid seo bhon Riaghaltas, thuige seo co-dhiù, gu dearbh chanadh mòran gum bheil Ministearan air a bhith màirnealach air ceumannan mòran nas lugha connspaid a ghabhail!
Ann an agallamh air telebhisean chuala mi Hilary Clinton ag innse gum bheil cuid de bhuidhnean poblach ann am baile New York air riaghailtean den t-seòrsa seo a stèidheachadh, agus gun deach mar-thà luchd-obrach a dhiùlt banachdach a chur às an dreuchdan. Le fios gum bheil ìre a’ chorònabhìorais a’ dol am meud feadh na dùthcha seo a-rithist, agus le casaid gun robh e slaodach a’ cur bhacaidhean an sàs roimhe, tha ceistean gam faighneachd air an Riaghaltas a thaobh dè tha e am beachd a dhèanamh gus smachd fhaotainn air an t-suidheachadh. Nuair a chaidh ceist air an t-Seansalair Rishi Sunak carson nach robh an Riaghaltas a’ toirt eisimpleir nas fheàrr le bhith a’ cleachdadh bhratan-gnùise sa Phàrlamaid, fhreagair e gun robh e an urra ri buill an rud freagarrach a dhèanamh mar a chì iad fhèin iomchaidh. Ach mur eil daoine uile-aonaichte mu na tha iomchaidh, tha fhios gum bheil cunnart gum bi poileasaidh dìon air leithid Covid mar chriathar, agus gum bi buil air ìre smachd sam bith! Aig an aon àm feumar cuimhneachadh gur i seo an t-saorsa phrìseil!
Thug seo mi gu smaoineachadh mun cho-labhairt COP eadar-nàiseanta a tha a’ tòiseachadh a-màireach ann an Glaschu, agus na h-amasan dhùbhlanach a tha gan iarraidh air dùthchannan an t-saoghail gus rian fhaotainn air sgrios na h-àrainneachd. Le fios mar-thà mu cho leisg ‘s a tha cuid de na dùthchannan as motha san t-saoghal air gluasadan brìoghmhor a dhèanamh gus an cuid truaillidh air an àrainneachd a lùghdachadh, cha b’ iongnadh cuid de shluagh dhùthchannan nas lugha, mar Bhreatann, a bhith a’ gearan mu chosgaisean mòra a’ tuiteam orrasan gus amasan cruaidhe a choileanadh taobh a-staigh trithead bliadhna. Saoil am bu chòir saorsa a bhith againn, nan iarramaid, diùltadh cur às dha teine a tha a’ losgadh fiodh neo gas?
Tha amharas agam nach bi leithid sin de chothrom ann, air sgàth gach argamaid chumhachdach agus thiamhaidh a chluinnear mu dhìon àrainneachd an t-saoghail dha ainmhidhean agus an cinne-daonna. Nach fhaodte, gu ìre co-dhiù, na h-aon seòrsa argamaidean a dhèanamh mu chunnart Covid, agus dleastanasan a’ mhòr-shluaigh cuideachadh gus smachd fhaotainn air?