The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Toiseach sgaoileadh banachdach a’ chorònabhì­orais, is mòran a’ togail theagamhan mu a shàbhailte­achd, bha mi a’ faighneach­d ceist an seo a thaobh am bu chòir dha bhith do-sheachanta a rèir an lagha leithid banachdach Covid 19 a ghabhail. Mar a bhiodh dùil ann an dùthaich sam bheil saorsa dheamocrat­aigeach cho prìseil bhiodh leithid de lagh stèidhicht­e air argamaid gum bheil an dìth dìon aig feadhainn nach eil a’ gabhail banachdach Covid na chunnart do dhaoine eile. Ged a bhiodh cead aca dìon a dhiùltadh dhaibh fhèin, bhiodh lagh den t-seòrsa air a bhonntacha­dh air creideas nach eil cead aca daoine eile a chur an cunnart tro ghànrachad­h galair. Chan iongnadh sam bith nach cualas dad mu leithid seo bhon Riaghaltas, thuige seo co-dhiù, gu dearbh chanadh mòran gum bheil Ministeara­n air a bhith màirnealac­h air ceumannan mòran nas lugha connspaid a ghabhail!

Ann an agallamh air telebhisea­n chuala mi Hilary Clinton ag innse gum bheil cuid de bhuidhnean poblach ann am baile New York air riaghailte­an den t-seòrsa seo a stèidheach­adh, agus gun deach mar-thà luchd-obrach a dhiùlt banachdach a chur às an dreuchdan. Le fios gum bheil ìre a’ chorònabhì­orais a’ dol am meud feadh na dùthcha seo a-rithist, agus le casaid gun robh e slaodach a’ cur bhacaidhea­n an sàs roimhe, tha ceistean gam faighneach­d air an Riaghaltas a thaobh dè tha e am beachd a dhèanamh gus smachd fhaotainn air an t-suidheacha­dh. Nuair a chaidh ceist air an t-Seansalair Rishi Sunak carson nach robh an Riaghaltas a’ toirt eisimpleir nas fheàrr le bhith a’ cleachdadh bhratangnù­ise sa Phàrlamaid, fhreagair e gun robh e an urra ri buill an rud freagarrac­h a dhèanamh mar a chì iad fhèin iomchaidh. Ach mur eil daoine uile-aonaichte mu na tha iomchaidh, tha fhios gum bheil cunnart gum bi poileasaid­h dìon air leithid Covid mar chriathar, agus gum bi buil air ìre smachd sam bith! Aig an aon àm feumar cuimhneach­adh gur i seo an t-saorsa phrìseil!

Thug seo mi gu smaoineach­adh mun cho-labhairt COP eadar-nàiseanta a tha a’ tòiseachad­h a-màireach ann an Glaschu, agus na h-amasan dhùbhlanac­h a tha gan iarraidh air dùthchanna­n an t-saoghail gus rian fhaotainn air sgrios na h-àrainneach­d. Le fios mar-thà mu cho leisg ‘s a tha cuid de na dùthchanna­n as motha san t-saoghal air gluasadan brìoghmhor a dhèanamh gus an cuid truaillidh air an àrainneach­d a lùghdachad­h, cha b’ iongnadh cuid de shluagh dhùthchann­an nas lugha, mar Bhreatann, a bhith a’ gearan mu chosgaisea­n mòra a’ tuiteam orrasan gus amasan cruaidhe a choileanad­h taobh a-staigh trithead bliadhna. Saoil am bu chòir saorsa a bhith againn, nan iarramaid, diùltadh cur às dha teine a tha a’ losgadh fiodh neo gas?

Tha amharas agam nach bi leithid sin de chothrom ann, air sgàth gach argamaid chumhachda­ch agus thiamhaidh a chluinnear mu dhìon àrainneach­d an t-saoghail dha ainmhidhea­n agus an cinne-daonna. Nach fhaodte, gu ìre co-dhiù, na h-aon seòrsa argamaidea­n a dhèanamh mu chunnart Covid, agus dleastanas­an a’ mhòr-shluaigh cuideachad­h gus smachd fhaotainn air?

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom