Beachd Ailein
Fàilte air a’ Bhliadhn’ Ùr agus gach misneachd is dòchas a thàinig leatha, a dh’aindeoin an dubhair dhùbhlanaich a bha cho goirid às a dèidh ann an 2021! Saoilidh mi gum bheil e nàdarra gu leòr a bhith a’ coimhead romhainn le dòchas air starsaich bliadhn’ ùire, agus a’ feuchainn ri eallach uallaichean na bliadhna a dh’fhalbh a chur air ar cùlaibh. Chan eil sin daonnan furasta idir ge-tà, oir ged as urrainn dhuinn mòran atharrachadh nar dòigh-beatha fhèin gus cùisean a leasachadh bidh rudan ann air nach eil smachd againn! Aig toiseach 2022 tha mòran thachartasan an t-saoghail mhòir a dh’iarramaid atharrachadh, leithid mar a tha arm na Ruis a’ bagairt blàir aig crìch na Ugràine; mar a tha tèarmann agus beatha ùr ga dhiùltadh dha mìltean fhògarrach is iad a’ siubhal fad mhìosan tarsainn caochladh dhùthchannan; agus mar a tha beatha mhilleanan chloinne ann an cunnart de dìth bìdh agus uisge! Tha sin gun iomradh air rudan a tha nas fhaisge oirnn uile gu làitheil mar a tha àrdachadh chosgaisean bith-beò le prìsean bìdh agus connaidh a’ toirt fàs bras air atmhorachd eaconamach, agus bhìoras mallaichte Covid 19 a’ sìor sgapadh aig astar a tha na chùis eagail!
Bhiodh e furasta fàs ìseal agus car brònach a’ beachdachadh cus air na gnothaichean sin gun cuideachd aire a thoirt dha cùisean a tha togarrach. Tha an àireamh den t-sluagh air an deach banachdachaidhean air fàs gu mòr agus a dh’aindeoin cho gabhaltach ’s a tha an strèan ùr den Chovid tha barrachd dhaoine a-nise air tomhas mhòr dìon fhaotainn bhon bhuaidh as miosa den bhìoras. Ri linn sin tha e coltach gun till an saoghal againn uile nas fhaisge air an seòrsa àbhaisteachd a b’ aithne dhuinn faisg air dà bhliadhna air ais, agus mar phàirt den ghluasad sin gun tog an eaconamaidh às ùr agus gun socraich an atmhorachd. Bidh cuid ag èigheach “bruadar, amadain”, ach ’s e mo bheachd gum feum sinn leantainn beò an dòchas agus gluasad air adhart le diongmhaltas gus an seòrsa adhartais air am bheil feum againn a bhuinnig! Leis a’ gheamhradh letheach seachad agus an latha a’ fàs fada a-rithist tha mi ’n dòchas gum bheil sibh ann an sunnd misneachail. Seo mar a sgrìobh m’ fhear-dùthcha am bàrd ainmeil Niall MacLeòid a bheannachdan bliadhn’ ùire fhèin faisg air ceud gu leth bliadhna air ais, agus ged a tha am briathrachas ’s dòcha beagan seann-fhasanta an-diugh tha rùn nam faclan pailt cho iomchaidh ’s a bha iad nuair a sgrìobh am bàrd iad.
Saoghal fada, maoin, is cliù, D’ ar luchd-dùthcha bhos is thall; Dòrtadh bheannachdan mar dhriùchd, Gach bliadhn’-ùr thig air an ceann.
Ged a sgaradh sinn ri luaths, Bidh ar càirdeas buan ’s gach àm; ’S òlaidh sinn le caithream chruaidh, Làn na cuaich air Tìr nam Beann.
Tha mi a’ guidhe sìth, sonas, slàinte, agus soirbheachas dhuibh uile ann an 2022, agus tha fhios nach dèanadh beagan saidhbhreis cron sam bith a bharrachd!