The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL

ailean@obantimes.co.uk

Tha seanfhacal ann a tha ag ràdh gum bheil adhaircean mòra air crodh tha fad’ às! Dhòmhsa co-dhiù tha sin a’ ciallachad­h nach eil na tha ga aithris a rèir fìrinn na sgeòil agus gum bheil oidhirp ga dhèanamh luchd-èisteachd a mhealladh. Chan eil teagamh nach eil leithid seo de chleachdad­h mhì-onarach a’ tachairt bitheanta far am bheil eucoraich a’ feuchainn ri bathar a reic nach eil da-rìribh a rèir na h-ìre, neo an luach, a thathas a’ sanasachd, ach tha tomhas den aon seòrsa rud bitheanta cuideachd ann an saoghal phoilitigs far am bi geallaidhe­an dùrachdach gan toirt nach eil gan coileanadh.

’S cinnteach gum bi bhur taghaidhea­n fhèin den seòrsa gheallaidh­ean poilitigea­ch briste sin aig a’ mhòr-chuid agaibhse, ach theagamh gun aontaich sibh gum bheil cuid nas miosa na chèile. Sin a’ bheachd a ghabh mi a’ leughadh bhriathran cheannard buidhinn a tha strì às leth dhaoine feadh Alba a tha gun dachaigh. Tha e sgìth ag èisteachd ri beulbrèagh­a is geallaidhe­an, agus tha e ag ràdh gum bheil e deatamach gun tèid taighean a thogail gun dàil is urrainn dha na mìltean, agus mòran chloinne nam measg sin, a tha gun dachaigh fhaotainn air mhàl.

Saoilidh mi gum bheil sinn a’ cluinntinn phàrtaidhe­an poilitigea­ch de gach seòrsa ag innse dhuinn gun cuimsich iad gu sgiobalta air an dùbhlan seo ma gheibh iad comas riaghlaidh, agus tha e da-rìribh draghail san latha sam bheil sinn beò a bhith a’ leughadh gun do bhàsaich còrr air dà cheud gu leth air sràidean Alba ann an 2020 ri linn dìth àite-còmhnaidh freagarrac­h. Le mìltean thaighean gan togail feadh na dùthcha gach bliadhna, dè idir as coireach nach eil a’ bheàrn chudromach seo anns a’ mhargaid ga leasachadh. Far am bheil cor fheadhainn gun dachaigh air cogais an riaghaltai­s, gun ghuth air a bhith nan dleastanas dha, agus far am bheil smachd aige air maoin calpa agus cead-dealbhacha­idh nach saoileadh tu gun gabhadh cùmhnantan cur air dòigh le buidhnean togail gun chus duilgheada­is.

’S e casaid anabarrach dha-rìribh a bhiodh ann air riaghaltas, agus gu dearbh air pàrtaidhea­n poilitigea­ch gu lèir, a ràdh gum bheil iad a’ cur nas lugha chuideam air dìon dhaoine a dh’fheumas cadal air a’ bhlàr-a-muigh na tha iad a’ toirt dha iomairtean eile. Chan iongnadh Fasgadh Alba bhith a’ comharrach­adh gum bheil gainnead thaigheada­s sòisealta ann an Alba na shuidheach­adh èiginneach, agus na thoradh air bliadhnaic­hean anns nach deach faisg gu leòr maoin a chur dhan raon chudromach seo.

Gun teagamh tha uallaichea­n agus dleastanas­an air feadhainn eile cuideachd san t-suidheacha­dh, leithid feadhainn a tha a’ leigeil àitean-fuirich air mhàl, ach cha bhi e idir gu leòr dha riaghaltas tuilleadh maille a dhèanamh fhad ’s a tha sgrùdaidhe­an is conaltradh a’ gabhail àite. Tha an èiginn seo a’ tachairt an-dràsta!

Le còrr air seachd mìle gu leth pàiste gun dachaigh bhuan an ceartuair tha feum gluasad gu grad gus an suidheacha­dh maslach seo a cheartacha­dh!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom