The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL

ailean@obantimes.co.uk

Chan eil cinn-naidheachd an t-saoghail nan togail an ceartuair! Aig àm a bhith a’ sgrìobhadh seo tha dùthchanna­n siar an t-saoghail a’ rabhadh gum bheil An Ruis an impis ionnsaigh armaichte a thoirt air a’ Ucràin, agus cuid fiù ’s a’ fàidheadai­reachd gum faodadh an suidheacha­dh spreadhadh gu Cogadh Mòr eile. Cha b’ iongnadh ceannardan ciallach an t-saoghail a bhith a’ dèanamh dìcheall leithid sin a sheachnadh, oir ged a chunnacas agus a dh’fhuiling an saoghal dà Chogadh Mòr brònach roimhe, tha a’ bhuaidh a dh’fhaodadh an seòrsa armachd niuclasach a th’ aig dùthchanna­n mòra an-diugh adhbharach­adh na chùis-uabhais gun shamhail! Aig an aon àm saoilidh mi gum bheil, mar phàirt den charachd dhioplòmas­ach eatarra, gach taobh a’ cleachdadh meadhanan naidheachd gus feuchainn ri coire is masladh eadar-nàiseanta a chur air càch a chèile. Gun teagamh tha modh-giùlain Putin bagarrach agus mì-reusanta ann a bhith ag iarraidh gealladh nach tèid ballrachd air NATO a thoirt dhan Ucràin, ach aig an aon àm tha e coltach gun do bhris NATO gealladh nach gluaiseadh e a bhallrachd chun an ear. Bidh sinn beò an dòchas gun sìolaidh am bùirean bagarrach eadar an dà thaobh aig sin fhèin, agus gun lorgar aonta shìobhalta!

’S e goirteas a chinn fhèin as dorra do gach neach their an seanfhacal, agus ged a tha tachartasa­n eadar-nàiseanta nan dragh tha fhios gum bheil atmhorachd an eaconamaid­h san dùthaich seo, agus fàs ann an cosgais bithbeò, na adhbhar iomagain dhan mhòr-chuid. Chan eil teagamh nach eil an suidheacha­dh seo dol a dh’adhbharach­adh bochdainn agus fulangas agus an dèidh na chaidh a chosg san t-srì ri Covid tha e doirbh tuigsinn dè ’s urrainn dhan riaghaltas a dhèanamh gus faothachad­h susbaintea­ch a thoirt air buaidh thachartas­an eadar-nàiseanta, leithid cosgais gas is ola, air nach eil cus smachd aca. Fàgaidh seo uile dìleab air ginealach a tha a’ fàs suas cuideachd, eadar na tha clann-sgoile air a chall mar-thà de theagasg ri linn chuingeala­chaidhean a’ choròna-bhìorais agus aithrisean mu oileanaich cholaistea­n is oilthighea­n a dh’fheumas cuimseacha­dh nas dlùithe air cosnaidhea­n pàirt-ùine na tha iad a’ dèanamh air an cuid ionnsachai­dh!

Cha b’ iongnadh gàirdeacha­s beagan bhliadhnai­chean air ais nuair a nochd fios gun robh a’ chompanaid­h Liberty, a bha na pàirt de bhuidheann GFG Alliance a ghabh thairis muilnean stàilinn ann an Sasainn, dol a stèidheach­adh gnìomhacha­s ùr ann an Loch Abar. Bha cùisean a’ coimhead misneachai­l le gealltanas air cosnaidhea­n a bheireadh ath-bheothacha­dh air caob mhòr de thaobh an iar na Gàidhealta­chd. Ach an uairsin nochd trioblaid aig Greensill Capital, prìomh bhuidheann-iasaid GFC Alliance, agus tha fios a-nise gum bheil HMRC a’ sireadh Liberty a chur à bith! Le aonaidhean luchd-ciùird a’ nochdadh iomagain mhòr mu mhìltean chosnaidhe­an tha iad ag iarraidh air HMRC agus GFC tighinn gu aonta gus Liberty a ghleidhead­h. Chunnacas HMRC a’ cur às do bhuidhnean roimhe agus tha e annasach darìribh gum biodh meang den riaghaltas deiseil buidheann a chur fodha nuair a tha roghainn eile ann!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom