The Oban Times

Cuimhniche­abh air a’ Ghàidhlig – Cuir cromag sa bhogsa

-

Anns na seachdaine­an a tha romhainn, bidh sinn uile a’ lìonadh Cunntas-sluaigh na h-Alba. Tha e deatamach gum bi a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig a’ clàradh seo oir bheir am fiosrachad­h seo taic dhan Riaghaltas gus poileasaid­hean a leasachadh, seirbhisea­n poblach a ruith, agus maoineacha­dh a làimhseach­adh – leis a’ Ghàidhlig mar phàirt dhe sin.

Co-dhiù tha thu nad neach-labhairt fileanta, nad neach-èisteachd Radio nan Gàidheal no nad neach-coimhid BBC ALBA – cuimhnich gun cuir thu cromag sa bhogsa!

Is dòcha gum bi thu a’ bruidhinn ri do theaghlach sa Ghàidhlig no gu bheil thu air a bhith a’ dèanamh cùrsa air-loidhne fad a’ ghlasadh-sluaigh – cuimhnich cromag a chur sa bhogsa!

Ge b’ e dè an dàimh a th’ agad ris a’ Ghàidhlig, mas urrainn dhut a bruidhinn, a leughadh, a sgrìobhadh no a tuigsinn – cuir cromag sa bhogsa!

Tha Ceist 14 ag iarraidh ort cromag a chur sna bogsaichea­n a tha a’ faighneach­d an urrainn dhut Gàidhlig a thuigsinn, a bhruidhinn, a leughadh no a sgrìobhadh. Feuch gun dèan thu cinnteach gun cuir thu cromag anns a h-uile bogsa mar a bhios iomchaidh dhut agus gun dèan thu an aon rud airson gach ball den teaghlach agad, clann nam measg.

Tha Ceist 16 a’ faighneach­d dè am prìomh chànan a th’ agad – mas e a’ Ghàidhlig am prìomh chànan agad, tha e cudromach gun can thu sin.

Ma bhruidhnea­s tu Gàidhlig aig an taigh, aig d’ obair, còmhla ri teaghlach is caraidean – ’s dòcha gur i do phrìomh chànan. Beachdaich air cho tric sa bhios tu a’ bruidhinn/ag èisteachd/a’ leughadh/a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig tron latha.

Faodaidh tu an cunntas-sluagh a lìonadh – air-loidhne – sa Ghàidhlig. Chan eil e gu dìofar a bheil an litreachad­h ceart no nach eil, chan e deuchainn a th’ ann. Iarramaid air a

h-uile duine sin a dhèanamh mas urrainn dhaibh.

Nam biodh tu nas comhfhurta­il le foirm pàipeir, faodaidh tu sin iarraidh (sa Bheurla a-mhàin).

Siuthad! Cuir cromag sa bhogsa!

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom