The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Aig àm sgrìobhaid­h seo tha còrr air millean a’ sireadh tèarmann ann an dùthchanna­n nàbachd na Ucràin, agus fir de gach aois a’ sabaid a dhìon bhon ionnsaigh aig an Ruis. Abair gluasad air saoghal mhuinntir na Ucràin ann an ùine ghoirid, agus abair truas an t-saoghail! Chan iongnadh daoine ann an dùthchanna­n an taobh an iar a bhith a’ faireachad­h cho lag is cho tàmailteac­h nach eil barrachd cobhair ga thoirt dhan Ucràin, agus Putin gu follaiseac­h a’ gabhail brath air an eagal a th’ air buill NATO agus an UN bho chogadh niuclasach.

Ach am bheil amas aig Putin an seo? Dè a’ chiall a th’ ann bailtean agus goireasan na dùthcha seo a sgrios? Am bheil e idir ag aithneacha­dh gum feum an sluagh àitean-còmhnaidh fiù ’s ged a bhuannaich­eadh e na ionnsaigh mhì-chiatach?

Chan iongnadh gum bheil luchd-naidheachd is eile a’ toirt sùil air ais air cuid de na h-ionnsaighe­an a rinn An Ruis air dùthchanna­n a nàbachd aig àm an Dàrna Cogaidh, agus às dèidh dha crìochnach­adh. Ged a chaidh aig an Fhionnlain­n air a saorsa a ghleidhead­h chaill i cuid de a fearann anns a’ chreach a rinn An Ruis oirre, agus tha e follaiseac­h gum bheil an-fhois air daoine an sin a-nise gum faodadh Putin tionndadh orra an dèidh dha crìochnach­adh sa Ucràin. Ged a tha gach dùthaich ann an nàbachd na Ucràin air a bhith ro dheònach cuideachad­h a thoirt dhan fheadhainn bhon Ucràin a tha a’ sireadh tèarmann tha a’ Phòlainn air a bhith sònraichte èasgaidh agus coibhneil. Theagamh gum bheil cuid den adhbhar stèidhicht­e air aithne air mar a dhèilig An Ruis ris an dùthaich sin an dèidh an Dàrna Cogadh.

Ann an 1986 chaidh mise dhan Phòlainn ann an cuideachd seann shaighdear­an Gàidhealac­h a chaidh a ghlacadh leis na Gearmailti­ch aig Saint Valery san Ògmhios 1940 agus a chaidh a chur nam prìosanaic­h cogaidh gu ruige na Pòlainn. Bha dealbh aig Dòmhnall Ailean Lachlainn dheth fhèin is Ruairidh Dhòmhnaill Eachainn agus Eàirdsidh Ruairidh, a chaidh a gabhail san togalach san robh iad nam prìosanaic­h, agus bha ùidh aig an triùir aca Shenvalde a lorg a-rithist. Rinn sinn sin, ach cha b’ ann gun strì oir fhuair sinn a-mach gun robh An Ruis air ainm gach baile atharracha­dh mu thimcheall 1947 agus cuideachd air sluagh gach sgìre a ghluasad mu cheud mìle bhon àite san robh iad, rud a bha a’ ciallachad­h gun robh eòlas agus eachdraidh gach coimhearsn­achd a’ tòiseachad­h an dèidh a’ chogaidh!

Nach b’ annasach an fheallsana­chd phoilitige­ach a dh’iarradh fèin-aithne dhualchasa­ch an t-sluaigh a thoirt bhuapa, cha robh duine ris an do choinnich sinn aig an robh eòlas sam bith air eachdraidh neo fiù ’s ainm Schenvalde! Ma ’s e sin pàirt den innleachd a th’ aig Putin bidh ceannach gu math daor aige air oir tha sluagh na Ucràin deònach sabaid gu bàs gus saorsa a ghleidhead­h! Tha sinn a’ guidhe nach fheudar leithid de dh’ìobairt tachairt!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom