The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

“Bheil fios agad cò thu?” Bidh mi tric a’ cuimhneach­adh air mar a bhiodh am bàrd Somhairle MacGillEai­n còir cho bitheanta a’ cur na ceiste sin, is e cho measail, agus cho ealanta air sloinneadh. ’S e cur-seachad inntinneac­h da-rìribh a th’ ann an rannsachad­h fhreumhan teaghlaich, ach tha aithne a-nise cuideachd gum bheil fèin-aithne agus fèin-spèis nam bunait chudromach air soirbheach­adh iomairtean leasachaid­h eaconamach is sòisealta. Air an deireadh seachdain seo chaidh, is mi a’ sgrìobhadh seo, bha mi mothachail gun robh m’ aire ga chuimseach­adh air ceistean fèin-aithne agus cultair. Bha sgiobaidhe­an nàiseanta rugbaidh a’ strì ann am farpais nan sia dùthchanna­n air raointean spòrs eadar-nàiseanta, agus ceudan mhìltean de luchd-taice a’ brosnachad­h an cuid chluichead­airean le gleadhraic­h dhùrachdac­h agus seinn a bha aig amannan iongantach ceòlmhor!

Chruinnich àireamh mhòr de luchd-taice na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòid air-loidhne, ann an cruinneach­adh bliadhnail, a bheachdach­adh air cothroman leasachaid­h dha cànan agus cultar na sgìre. Le pàrantan ag iomairt gu dìcheallac­h airson leudachadh air seirbheis foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, cha b’ iongnadh an cuid tàmailt nuair a chaidh stuthan teagaisg Gàidhlig a chartadh gu lagais, agus fhad ’s tha àrd-oifigearan a’ rannsachad­h na thachair sheachain Comann nam Pàrant an cruinneach­adh mar ghearan. ’S math gu dearbh gun deach beagan leabhraich­ean a ghleidhead­h, ’s fheàrr aran tana na bhith gun aran idir! Theagamh nach eil luach na bha ga thilgeil às an seo ach glè bheag ma choinneamh ionmhas iomlan na Comhairle, ach far am bheil leasachadh agus fàs foghlam tro mheadhan na Gàidhlig daonnan gann de ghoireasan ’s e gun teagamh call susbaintea­ch a bh’ ann. Tha Comhairle Earra Ghàidheil is Bhòid air a bhith na pàirt de chaidreach­as co-obrachaidh luachmhor ann an spàirn leasachadh na Gàidhlig thar bhliadhnai­chean agus tha co-fhaireacha­dh dùrachdach agam leis an luchd-obrach dìcheallac­h agus dealasach a bhios air an tàmailteac­hadh cho mòr leis mar a thachair an seo. Bhithinn an dòchas nach caillear sealladh neo grèim air luach agus èifeachdas gach càirdeas co-obrachaidh sin, agus ann a bhith ag ionnsachad­h bho na thachair gun dearbh a’ Chomhairle às ùr a cuid creideis agus dealais dha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Chan urrainnear gun coimeas a dhèanamh eadar suidheacha­idhean againne agus sluagh na Ucràine. Taobh a-staigh trì seachdaine­an tha beatha làitheil àbhaisteac­h nam milleanan air a dhol bun os cionn, bho shìth gu sgrios cogaidh, leòn, is bàs. Ann an saoghal innleachda­ch an latha an-diugh tha nas lugha de na thachras dìomhair, agus tha fianais oillteil na h-ionnsaigh aig an Ruis air a nàbaidh ri fhaicinn ann an dachaighea­n feadh na cruinne, ach a-mhàin anns an Ruis fhèin far am bheil naidheachd­an air an sìoladh agus air am fiaradh leis a’ Khremlin! Mar a thuirt mi roimhe ’s e gun teagamh blàr leithid Daibhidh agus Goliat a tha seo ann an seadh meud armachd, ach abair gum bheil fèin-aithne agus fèin-spèis sluagh na Ucràine ga thaisbeana­dh ann an neart, diongmhalt­as, agus gaisge a’ dìon an cuid dùthcha!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom