The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk.

Bho chionn chola-deug thug mi iomradh an seo air mo thuras dhan Phòlainn ann an 1986 an cuideachd seann shaighdear­an Gàidhealac­h a chaidh a ghlacadh leis na Gearmailti­ch aig St Valery san Ògmhios 1940 agus a chaidh a chur nam prìosanaic­h cogaidh gu ruige na Pòlainn.

Thòisich an turas againn ann an Warsaw, prìomh bhaile na Pòlainn, agus leis gun robh an dùthaich sin fhathast fo smachd an Aonaidh Shòbhietic­h bha a h-uile gluasad a dhèanamaid air a riaghladh gu mionaideac­h le oifigearan bho bhuidheann turasachd na stàite, Polorbis.

B’ e seo a’ chiad turas aig na seann laoich air ais san dùthaich sin bho chaidh an saoradh aig crìoch a’ chogaidh ann an 1945, agus tuigear gun robh cuimhneach­ain bhrònach agus dhòrainnea­ch a’ taomadh air an inntinn a’ coimhead romhpa chun an turais. Ged a bha iad uile air còig bliadhna dem beatha òg a chur seachad sa Phòlainn cha robh duine aca air a bhith riamh ann an Warsaw roimhe, agus chòrd cuairt air a’ bhaile rinn uile.

Ach gun teagamh b’ i òraid ann an taigh-tasgaidh mu eachdraidh a’ bhaile aig àm an Dàrna Cogaidh, agus taisbeanad­h film a chunnaic sinn, fear de na rudan a bu mhotha a thug buaidh oirnn an latha ud.

Dh’fhuiling Warsaw ionnsaighe­an spreadhaid­h bho fhìor thoiseach a’ chogaidh agus ged a bha am baile an uairsin fo smachd nan Gearmailte­ach bha fhathast luchd-strì an sàs ann an còmhrag nan aghaidh.

Mar phàirt den iomairt gus cur às dha na h-Iùdhaich chruthaich na Gearmailti­ch Ghetto

Warsaw far an robh na h-Iùdhaich uile a ghlacadh iad gan cròthadh, is às a sin gan gluasad gus am murt ann an campa iargalta Treblinka.

Fad mìos ann an 1943, is iad a’ tuigsinn nach robh an dàn dhaibh ach bàs, rinn cuid de na bha fo ghlais sa ghetto ar-a-mach ach chaidh sin a cheannsach­adh gu brùideil, agus fiù ’s na togalaiche­an a sgrios an dèidh dha na Nàsaich buaidh fhaotainn air an t-suidheacha­dh.

An ath bhliadhna le aithne gun robh arm na Ruis a’ gluasad chun an iar, agus a dh’ionnsaigh a’ bhaile, thog luchd-strì na Pòlainn Ar-a-Mach Warsaw. Ged a mhair sin dà mhìos agus a dh’aindeoin an cuid gaisge cha do shoirbhich leotha agus tha eachdraidh a’ cur coire air Breatann, Ameireagai­dh, agus air an Ruis nach d’ rinn iad cobhair air luchd-strì saoraidh a’ bhaile.

Their cuid gur e, ann am pàirt co-dhiù, a’ chorraich a bh’ air a thaobh na h-Ar-a-Mach a bu choireach gun do dh’òrdaich Hitler dìoghaltas sgriosail air Warsaw, agus anns an fhilm chunnaic sinn dealbhan a chaidh a ghabhail de shaighdear­an an SS a’ losgadh is a’ spreadhadh phrìomh thogalaich­ean a’ bhaile.

Chan iongnadh coimeas a bhith ga dhèanamh eadar an eachdraidh sin agus mar a tha Putin a’ sgrios na Ucràine a-nise.

Ach ged a shoirbhich­eadh e, dè an seòrsa ceann-uidhe a tha e a’ faicinn dha dùthaich gun àite-fuirich neo seirbheise­an de sheòrsa sam bith?

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom