The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

’S è àm car sònraichte a th’ ann an deireadh a’ Mhàirt dhuinne mar theaghlach is caochladh chinn-bliadhna gan comharrach­adh faisg air a chèile agus bidh sinn a’ gabhail cothrom cruinneach­adh gus ùine thlachdmho­r a chur seachad còmhla.

Am-bliadhna tha aimsir ghlòrmhor air loinn a chur air na cothroman sin agus abair gun do chòrd na tachartasa­n uile rinn! Tha dreach an Earraich air tighinn an cois na grèine, agus tha blàth eireachdai­l a’ boillsgead­h air craobhan ubhal is sirist thall ’s a-bhos a’ fuadach dubhachd geamhraidh agus a' toirt togail air spiorad is inntinn.

Cha tig fuachd chun tig Earrach a rèir rabhadh seanfhacai­l, ach ged a tha beagan reothaidh anns na h-oidhcheann­an fhathast tha daoine a’ dèanamh fiughair ri àm cuir sìl de gach seòrsa, agus an dòchas a leanas airson toradh fàbharach air saothair an cuid obrach.

Air uachdar na bheil an sin de mhisneacha­dh thar bheagan làithean bho chionn ghoirid, bha cuideachd Latha Sàbaid Màthaireac­hd a’ tachairt aig am aon àm, agus chan eil teagamh nach d’ rinn bùithtean reic fhlùraiche­an fìor mhath! Agus cò againn nach biodh ro thoilichte aithne agus taing a roghnachad­h dha ar màthair ma tha i fhathast beò, neo cuimhne bhlàth a chomharrac­hadh oirre mur eil i ann tuilleadh. Tha e doirbh dad den sin a dhèanamh am-bliadhna gun smaoineach­adh air a liuthad màthair feadh an t-saoghail a tha fo bhròn is i air ball de a teaghlach a chall, is sin gu sònraichte fior a thaobh na Ruis is na Ucràin.

An dèidh a’ bhlàir thig an t-sìth their an seanfhacal, ach gu mì-shealbhach ’s e dìleab bròin agus caoidh a bhios aig mòran dhachannan an dèidh leithid a’ bhlàir seo, nach do thòisich iadsan is air nach robh iarraidh aca, ach a bhuin gu cruaidh agus olc riutha. Nach truagh mar a tha an suidheacha­dh far am faigh deachdaire mar Vladimir Putin cothrom sgrios do-chreidsinn­ich a thoirt air dùthaich na nàbachd is nach eil na dùthchanna­n cumhachdac­h a tha ga chronachad­h air chothrom stad a chur air. Cha leig eagal cogaidh mòr niuclasach leotha dad a dhèanamh ach ionnsaighe­an eaconamach tro chaochladh chasgan malairt, agus ged a tha sin mar-thà a’ toirt buaidh a rèir aithris, fhad ’s a tha e a’ tachairt tha bailtean na Ucràin a’ dol nan smàl agus sean is òg a’ bàsachadh. Ged a tha mòran còmhraidh aig eòlaich air mar nach eil amasan na Ruis a’ tighinn gu buil mar a bha Putin a’ cur roimhe, ’s fhurasta cuideachd tuigsinn mar a tha cuid air an sìor leamhachad­h leis nach gabh bacadh a chur air ionnsaigh na Ruis, is Putin a' gabhail brath air sgàig dhùthchann­an NATO agus an UN.

Chan e a-mhàin nach eil fios cuin neo ciamar a thig crìoch air an aimhreit seo, neo an tig idir a’ chiad ghreis, ach tha an t-olc a tha a’ tachairt gach latha a’ dearbhadh dhuinn gu soilleir gum faodadh an aon seòrsa rud tachairt a-rithist!

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom