The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Le taghaidhea­n Chomhairle­an an dàn toiseach an-ath-mhìos bidh mòran a’ cur “eòlas” às ùr air riochdaire­an phoilitigs ionadail, theagamh an turas mu dheireadh chun am bi an ath thaghadh air fàire! Bhiodh e tur ceàrr a ràdh nach eil na tagraichea­n a nochdas aig na dorsan cogaiseach agus dùrachdach a’ sireadh bheachdan air na bu chòir a dhèanamh, ach ann am beachd mhòran chan eil cus suim ga thoirt dham beachdan nuair a bhuannaich­eas tagraichea­n anns na taghaidhea­n.

Bho sin air adhart tha daoine den bheachd gum bheil mòran den cuid “riochdaire­an” a’ dèanamh mar a chì iad fhèin iomchaidh, le glè bheag conaltraid­h leis na coimhearsn­achdan a chuir an cumhachd iad! Ach feumar aideachadh gum bheil conaltradh ag obrachadh bho gach taobh agus gum bheil cothrom aig luchdbhòta­idh coinneacha­dh ri Comhairlic­hean gus an ceasnachad­h, agus beachdan a thoirt dhaibh.

Ach a rèir eòlaichean tha a’ mhòr-shluagh a’ call creideas ann an siostam phoilitigs na dùthcha, agus tha iad ag ràdh gur e sin pàirt den adhbhar gum bheil cho beag de thagraiche­an air nochdadh ann an caochladh sgìrean Comhairle, agus barrachd air trithead ball a sheas a-rithist dearbhte còrr air mìos ron taghadh leis nach deach duine nan aghaidh!

Bheil seo a’ ciallachad­h nach eil deamocrasa­idh ag obrachadh ceart tuilleadh, agus ma tha sin fìor ciamar a ghabhas an suidheacha­dh cur ceart? Uill gun teagamh tha dreuchd ann am poilitigs ag iarraidh chomasan foighidinn agus fiùghantac­hd, agus tha fianais a’ fàs nas bitheanta air na h-ìrean càinidh borb agus am maoidheadh a tha cuid de luchd-poilitigs aig gach ìre a’ faotainn. Gu cinnteach bidh daoine ri gearan mu rudan nach eil a’ tachairt mar a chaidh an gealltainn, agus far am bheil ionmhas poblach a’ sìor fhàs gann bidh barrachd de na brisidhean-dùil sin rim faicinn, agus cha b’ iongnadh cuid de bhuill thaghte a bhith a tionndadh air falbh bhon obair.

Ge b’ e ciamar a chaidh a’ chùmhnant airson an dà aiseig ùr dha Calmac aontachadh le gàrradh-iarainn an Fhearghasd­anaich air Cluaidh tha an gnothach a-nise na mhasladh dha Riaghaltas na h-Alba an dà chuid a thaobh cho fada is a tha an obair air deireadh, agus mar a tha a’ chosgais a’ tòcadh gun choltas rian ann an gàrradh a bhuineas dhan Riaghaltas. Ach theagamh gur e an t-adhbhar maslaidh as miosa mar a tha muinntir Eileanan Innse Gall air an sìor lèireadh le seirbheis aiseig chaochlaid­each, agus mhì-earbsach, fad bhliadhnai­chean! Theagamh gur e mearachd a bh’ ann a bhith taghadh Latha na Gogaireach­d airson foillseach­adh gun robh Rèile na h-Alba a-nise cuideachd fo shealbh na stàite!

’S e obair dhoirbh, agus sa mhòr-chuid gun taing, a th’ ann am poilitigs, agus mar is àirde inbhe na dreuchd ’s ann is truime bhios an t-uallach. Ach tha luchd-poilitigs aig gach ìre a’ taghadh an urraim, is na h-uallaichea­n, a thig leis an dreuchd agus feumaidh iad a bhith daonnan cunntachai­l ma choinneamh na gheall iad agus na choileanas iad.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom