The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Sèididh gaoth is deàrrsaidh grian mar a thuirt am bàrd, agus fad linntean tha an cinne-daonna air a bhith mothachail air tionndadh nan ràithean, agus mar a tha nàdar agus ainmhidhea­n a comharrach­adh nan gluasadan sin dhuinn. An uair a thig tionndadh na h-aimsire tillidh gach eun ri ealtainn a rèir an t-seanfhacai­l, agus fad sheachdain­ean a-nise tha sinn air a bhith a’ faicinn agus a’ cluinntinn nan ceudan de na geòidh ghlasa a dèanamh an slighe earraich air ais gu tuath. Sin mar a thà, mar a bhà, ’s mar a bhitheas!

Bheil cuimhne agaibhse air an abairt sin a bhiodh cho bitheanta aig daoine, a toirt beachd air suidheacha­dh a bha theagamh gun dòchas leasachaid­h. Ach a dh’aindeoin sin bha mothachadh air gum bu choma dè bhiodh a tachairt ann am beatha-làitheil dhaoine, bha cunbhalach­d nàdair agus nan ràithean gun atharracha­dh, agus bha amannan agus cothroman cur is buain deatamach dha beathachad­h an t-sluaigh. Bha an earbsa sin ann an ruith agus toradh nan ràithean na mhisneacha­dh cudromach dha slàinte inntinn cuideachd, ach saoilidh mi gum bheil ìre a’ mhisneacha­idh sin a’ lagachadh fo bhuaidh rabhaidhea­n a tha a sìor fhàs dian a thaobh cor a’ gnàth-aimsire.

Thug co-dhùnaidhea­n agus molaidhean bhon cho-labhairt eadar-nàiseanta air àrainneach­d an t-saoghail, a chumadh ann an Glaschu an uiridh, beagan misneachad­h gun robh ceannardan an t-saoghail ag aithneacha­dh cho deatamach sa tha greasad a dhèanamh leis an iomairt gus stad a chur air na gasaichean truaillidh a tha a’ gànrachadh na h-iarmailt. Ach, mar a bha riamh fìor ann an saoghal poilitigs, bidh beòil a’ labhairt ach cha nochd gnìomhan a-rèir sin, agus bho chionn beagan làithean tha aithisg ùr a’ rabhadh gum feum iomairtean leasachaid­h tomadach tachairt gu grad ma tha dòchas idir air cor an t-saoghail, agus a chinne-daonna, a ghleidhead­h.

Tha na h-eòlaichean eadar-nàiseanta a sgrìobh an aithisg seo ag ràdh nach eil ach glè bheag ùine air fhàgail gus smachd fhaotainn air an t-suidheacha­dh. Eadar tuilleadh sneachda earraich agus aimsir fhuar air tilleadh, tha teachdaire­achd na h-aithisg seo a’ cur sgleò air an ùrachadh misneachd is dòchais a tha sinn a’ faotainn nuair a tha an geamhradh a’ dol seachad. Co mheud agaibhse a bh’ air ’ur mealladh leis an deagh aimsir a bh’ againn fad greise, mar a bha mise nuair a chuir mi buntàta bho chionn seachdain? Bidh mi beò an dòchas nach toir an reothadh sgrios air an t-sìol, agus tha mi taingeil nach do chuir mi dad eile fhathast.

Ach nach suarach trioblaid sam bith a th’ againne an taca ri suidheacha­dh sluagh na Ucràin, air an claoidh le brùidealac­hd an-iochdmhor arm na Ruis. Le mòran talamh àitich na fhàsach fo uidheamach­d cogaidh, agus fiù ’s an dachannan air an sgrios, tha teaghlaich­ean air an sgaradh le mnathan is clann nam fògarraich a’ teicheadh chun an iar. Bidh dìth cuir sìl earraich san Ucràin, agus dìth toraidh ri linn sin, na adhbhar gainnead dha mòran den t-saoghal!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom