The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Disathairn­e seo chaidh bha dà cheud seachdad is sia bliadhna chun an latha bho chuireadh blàr Chùil Lodair agus, mar a tha e air dèanamh bho 1925, chomharrai­ch Comann Gàidhlig Inbhir Nis (CGI) an ceann bliadhna. Dà bhliadhna air ais b’ fheudar an t-seirbheis cuimhneach­aidh a chur dheth ri linn riaghailte­an Covid, agus an uiridh chaidh an t-seirbheis a chumail air-loidhne, ach am bliadhna bha CGI glè thoilichte gun robh lasachadh riaghailte­an a’ ciallachad­h gum b’ urrainnear cruinneach­adh air raon a’ bhlàir a-rithist airson na seirbheis. Theagamh nach b’ annasach gun robh mòran sluaigh cuideachd a’ gabhail tlachd a’ saorsa gluasad a-mach am measg a’ chèile a-rithist, agus thar nam bliadhnaic­hean a tha mi fhìn air a bhith a’ frithealad­h na seirbheis cuimhneach­aidh chan eil beachd agam air uimhir a dhaoine fhaicinn an làthair. Eu-coltach ri latha a’ bhlàir a-rèir eachdraidh, bha an aimsir Disathairn­e seo chaidh fàbharach da-rìribh, agus dh’èist na ceudan sluaigh gu modhail ri seirbheis cuimhneach­aidh ris an do chuir sàr phìobairea­chd Eòghainn MhicCruime­in, agus seinn sailm Gàidhlig fo stiùir an Urramaich Dòmhnall MacSuain, faireachda­inn air-leth tiamhaidh. Bha e na thlachd agus na adhbhar moite dhomh fhìn air an latha a bhith a’ gabhail thairis mar Cheannard Urramach CGI airson na bliadhna romhainn agus b’ e a chiad uallach a bh’ agam òraid ghoirid a’ lìbhrigead­h aig an t-seirbheis cuimhneach­aidh.

Nam m’ inntinn is mi a’ deasachadh na bha mi dol a’ ràdh bha an aithne ann an sloinneadh mo theaghlaic­h air taobh m’ athair, gun robh mo cheathramh sìn-seanair, Iain Dubh Caimbeul, aig Blàr Chùil Lodair. Cha robh MacLeòid Dhùn Bheagain ann, ach bha uachdaran Oighreachd Ghlinn Dail deònach taic a’ nochdadh agus cha robh roghainn aig luchd-còmhnaidh na h-oighreachd ach dèanamh mar a dh’iarradh orra. Sin mar a thàinig Iain Dubh gu bhith aig Cùil Lodair, ach gu fortanach dhà thug e a’ bheatha às a’ bhlàr agus fhuair e dhachaigh gu ruige Gleann Dail ach cha robh a’ shaoghal ach glè riaslach fad ùine mhòr as dèidh sin. Bha na saighdeara­n Hanobhairi­anach a’ siubhal na Gàidhealta­chd a’ lorg luchd-taice nan Stiùbharta­ch, agus le airgead brathaidh ga thairgsinn bha daonnan cunnart gun gèilleadh daoine bochda agus gum brathadh iad feadhainn a bha a’ falach. Gu fàbharach cha do dh’èirich sin dha Iain Dubh, ach tha eachdraidh an teaghlaich ag innse gur e Iain Dubh nam Beann am far-ainm a bh’ air mu dheireadh leis gum b’ fheudar dha uimhir a dh’ùine a chur seachad na fhògarrach a’ falach air na monaidhean, a’ seachnadh nan saighdeara­n.

Bidh còirichean nam mathair-adhbhar air gach cogadh, ach ’s e mo bheachd gun robh a’ mhòr-chuid de na chailleadh anns gach cogadh an sàs air sgàth ’s gun deach an òrdachadh ann. Gun teagamh bha fianais air gaisge air gach taobh, agus borbachd, ach dha cus theaghlaic­hean agus choimhears­nachdan cha robh dìleab aca ach aonranachd bhrònach leantainne­ach, agus ainmean shnaidhte a’ crìonadh air cùirn-cuimhne. Guidheamai­d, mar sin, gun toirear cothrom a-rithist dhan t-sìth!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom