The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Mas math leat do mholadh, faigh bàs: mas math leat do chàineadh, pòs! Bha ceist agam mun t-seanfhacal seo bho chuala mi an toiseach e! Gu cinnteach tha mòran nach eil beò a choisinn càineadh, a cheart cho cinnteach ’s a tha feadhainn a tha beò airidh air moladh. ’S e fear de na rudan a bhios gam fhàgail fhìn tric searbh mu luchd-poilitigs, na bhios iad a’ cur seachad den cuid ùine a’ cur sìos air buill Phàrtaidhe­an eile. Nan dòighean eadar-dhealaicht­e fhèin tha fhios gum bheil a h-uile Ball Pàrlamaid air rudeigin feumail a dhèanamh agus tha iad airidh air aithne airson sin. Gun iomradh air Pàrtaidh, nuair a tha tagraichea­n gan cur fhèin air adhart aig àm taghaidh cluinnear iad ag ràdh gur e math an t-sluaigh prìomh dhleastana­san “riochdaire­an” sa Phàrlamaid, gu sònraichte seirbheise­an slàinte, foghlam, còmhdhail, agus dìon. Saoil, ma tha, an e comharra air tanalachd an cuid feallsanac­hd phoilitige­ach fhèin a tha a’ fàgail, nuair a gheibh cuid aca a-staigh, nach cluinnear sa mhòr-chuid bhuapa ach càineadh mì-mhodhail air feadhainn eile! Nuair a nochd Nicola Sturgeon gun robh i a’ leigeil dhith Ceannas Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus dreuchd Phrìomh Mhinistear Phàrlamaid na h-Alba, bha na caochladh bheachdan a dh’fhoillsich Ceannardan nam Pàrtaidhea­n eile mu thè a bha, le roghainn luchd-bhòtaidh, air còrr air fichead bliadhna a ghleidhead­h aig àrd ìre ann am poilitigs na h-Alba, ag innse barrachd mun deidhinn fhèin na ma deidhinnse!

Gu fàbharach bidh an taghadh airson Ceannard ùr dha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba goirid taca ris a’ phròiseas shlaodach, sgriosail, airson ceannas nan Tòraidhean agus Prìomhaire Bhreatainn. Ach fiù ’s aig àm sgrìobhaid­h seo, is tagraichea­n dìreach a’ tòiseachad­h ri nochdadh, tha nam bheachd-sa cunnart ann gun tèid geallaidhe­an a dhèanamh a bhios doirbh an coileanadh. Mar eisimpleir tha aon tagraiche mar-thà air gealltainn ma bhuannaich­eas ise gun tòisich obair-leasachaid­h rathad an A9 sa bhad! ’S fhurasta thuigsinn gun cuireadh mìltean fàilte air leithid de ghluasad an dèidh ’s mar a chaidh an Riaghaltas Nàiseantac­h air ais air geallaidhe­an an t-slighe eadar Peairt agus Inbhir Nis a dhùblachad­h mu 2025! Chaidh taghaidhea­n prìomhacha­is a dhèanamh air mar a rachadh ionmhas calpa an sàs thar nam bliadhnaic­hean mòra bhon chaidh an leasachadh deatamach seo a ghealltain­n, ach saoilidh mi gur e da-rìribh gainne airgid calpa a dh’fhàg nach deach ceum air choreigin a ghabhail bho chionn ghoirid mar chomharra air cogais riaghaltai­s. Co às mar sin a bhiodh ionmhas ùr ga lorg ann an seasamh nam bonn? Bhiodh e sgreataidh nan d’ rachadh an tuilleadh maille mar eisimpleir air leasachadh sgoiltean, tha staid thogalaich­ean sam bheil cuid de chloinn gam foghlam na mhasladh! Chan urrainn gum bheil seòmraiche­an fuar is fuaraidh nam bunait iomchaidh foghlam a liubhairt, neo fhaotainn, ann an tè de na “dùthchanna­n as beartaiche san t-saoghal”? Bhithte an dùil tagraichea­n airson uallach Prìomh Mhinistear na h-Alba a bhith mothachail nach eil staid, neo ìre, phrìomh sheirbheis­ean poblach na dùthcha a’ dearbhadh leithid de chunntas!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom