The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Tha mi a’ sgrìobhadh aig deireadh seachdain far an robh measgachad­h de mhisneachd is iomagain, dòchas agus dubhachas. Dè tha annasach mun sin cluinnidh mi mòran a’ faighneach­d, nach eil a h-uile latha is seachdain an aon rud? Theagamh gum faod sin a bhith fìor ann an dòigh ach gu fàbharach cha robh sgrios cogaidh ga bhagairt air an Roinn Eòrpa fad seachdad is seachd bliadhna gu ruige seo, agus le bhith a’ comharrach­adh a’ chiad cheann-bliadhna bho thòisich an ionnsaigh aig an Ruis air a’ Ucràin tha e follaiseac­h nach eil rùn a’ Chinn-suidhe Putin gus a’ Ucràin a cheannsach­adh fo smachd Ruiseanach air lùghdachad­h. Ged a tha gaisge na h-Ucràin a’ tàladh taic eadar-nàiseanta tha iomairt na Ruis fo stiùir neach a th’ air ciall a chall. Tha sluagh na Ruis gam mealladh le fiosrachad­h fuadain air mar a tha an Ruis ga dìon fhèin bho Nàsachd anns a’ Ucràin, ach aig an aon àm tha sinne ’s dòcha cuideachd gar mealladh le aithrisean gum bheil Putin tinn, nach mair e an cumhachd is gun tig fois cogaidh. Saoil nach eil e car faoin aig an ìre seo a bhith a’ maoidheadh Putin a dhìteadh airson eucoirean cogaidh, faodaidh gum bheil astar mòr aig a’ bhlàr seo ri dhol fhathast agus gum bheil Putin, mar a’ Bhaintighe­arna NicBheatha, den bheachd gum bheil e nas fhasa cumail roimhe seach tionndadh!

B’ e bha misneachai­l mun t-seachdain na chunnaic is na chualas aig cuirm Duaisean na Gàidhlig ann an Glaschu feasgar Dimàirt! Ged a bha e car annasach dhomh nach gann gun robh mi ag aithneacha­dh mòr-chuid de na bha an làthair, thuig mi gum bheil seo na dhearbhadh air mar a tha ginealach ùr a’ gabhail thairis uallach leasachaid­h is adhartacha­idh na Gàidhlig, a’ togail an eallaich far seann ghuaillean. Nuair a thòisich sinn iomairt, ann an 1992, gus còraichean Gàidhlig a dhìon tro reachdas sònraichte bha “àbhaisteac­hadh” a’ chànain ann am beatha na dùthcha gu lèir na amas chudromach. Bha sinn a’ tuigsinn gum biodh sin na mheadhan an dà chuid, air mì-rùn aineolach chuid a lùghdachad­h, agus aig an aon àm air moit an t-sluaigh dam buin an dualchas chultarail a bhrosnacha­dh. Saoilidh mi gun robh meudachd nan raointean a choisinn Duaisean Gàidhlig 2023 a’ dearbhadh mar a shoirbhich leis na h-amasan sin chun na h-ìre seo! Mo mhìle beannachd orra uile agus buaidh is piseach dhan cuid obrach!

B’ e urram sònraichte a bh’ ann dhomh fhìn mar a chaidh Urram nan Gàidheal a bhuileacha­dh orm airson mo chuid saothrach a thaobh na Gàidhlig fad chòrr air dà fhichead bliadhna, agus tha mi daonnan a’ cuimhneach­adh le meas agus spèis air a liuthad neach a thug taic is cuideachad­h dhomh air mo shlighe. Ach mar a thuirt mi aig a’ chuirm tha dùbhlan mòr romhainn fhathast gus a’ Ghàidhlig ùrachadh agus àbhaisteac­hadh anns na dachaighea­n agus na coimhearsn­achdan traidisean­ta, agus chan e obair aon neach na aon bhuidheann a bhios an sin!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom